Argamaidean airson cur às do thràillealachd
Chuir an fheadhainn a bha an aghaidh tràillealachd iomadh argamaid air adhart gus taic dhan iomairt aca airson malairt nan tràillean a chasg. Faodar iad sin a chur air dòigh mar a leanas:
Argamaidean eaconamach
Sgrìobh Adam Smith gur e tràillean dòigh cho neo-èifeachdach agus cho cosgail 's a bh' ann. Ghabhadh siùcar a dhèanamh gu math na bu shaoire sna h-Innseachan le luchd-obrach nach robh nan tràillean. Bha malairt a' fàs gu luath eadar Breatainn agus na coloinidhean aice san h-Innseachan agus san Ear Chèin.
Argamaidean daonnda
Bha mòran sheòladairean Breatannach a' bàsachadh ann am malairt an triantain.
Argamaidean Crìosdail
Bha am Bìoball a' teagasg gum bu chòir daoine dèiligeadh ri chèile le coibhneas agus gràdh. Bha tràillealachd a' briseadh riaghailtean nan Deich Àithntean.