Iomairtean airson cur às do thràillealachdToiseach iomairtean cur às do thràillealachd

Deireadh an 18mh linn rinn William Wilberforce is eile iomairt son cur às do thràillean. Bha cuid eile son tràillean a chumail.

Part ofEachdraidhMalairt Thràillean san Atlantaig

Mar a thòisich iomairtean airson cur às do thràillealachd

An co-dhùnadh airson cur às do thràillealachd

Aig deireadh an 18mh linn, thòisich beachd a' phobaill a' dol an aghaidh malairt nan tràillean.

Chuir Comann nan Caraidean (comann Crìosdail ris an canar na Caocairean) an aghaidh tràillealachd. Ann an 1761, cho-dhùin iad nach fhaodadh duine dhe na buill aca a bhith an sàs ann am malairt nan tràillean.

Ann an 1787, chaidh an Comann airson Cur às do Mhalairt nan Tràillean a stèidheachadh. Bha William Wilberforce BP gan riochdachadh sa phàrlamaid. Cho-dhùin a' chomataidh gum b' e an dòigh a b' fheàrr feuchainn ri cur às do mhalairt nan tràillean. Bhiodh seo a' ciallachadh gun robh tràillean prìseil, agus bheireadh e air na maighstirean aca dèiligeadh riutha ann an dòigh na b' fheàrr.

Gluasad gus cur às do thràillealachd