Ceistean
Question
Dh'fhàg bàta-seòlaidh cala agus sheòl i air cùrsa \(047^{o}\) airson \(6.5\,km\). An uair sin dh'atharraich i a cùrsa gu \(126^{o}\) agus sheòl i airson \(5.7\,km\).
Tha an caiptean a-nis airson tilleadh gu cala. Dè an cùrsa a dh'fheumas e a thaghadh airson a dhol dìreach gu cala?
- Tagh sgèile fhreagarrach leithid \(1\,cm\) a' riochdachadh \(1\,km\).
- Tagh puing sam bith air a' phàipear airson a' chala.
- Comharraich an loidhne Tuath air a' chala.
- Le protractair, comharraich an cùrsa \(047^{o}\) agus tarraing loidhne de \(6.5\,cm\) bhon chala chun na puing seo.
- Comharraich loidhne Tuath ùr aig deireadh a' 1d cheum (suidheachadh ùr a' bhàta).
- Le protractair, comharraich an cùrsa \(126^{o}\) agus tarraing loidhne de \(5.7\,cm\) bhon t-suidheachadh ùr tron phuing seo.
- Comharraich loidhne Tuath ùr aig deireadh an 2ra ceum.
- Airson an cùrsa tillidh a lorg, ceangail deireadh an 2ra ceum ris a' chala.
- Le protractair, tomhais cùrsa na loidhne seo.
Bu chòir dha a bhith mu \(260^{o}\).
Question
Tha \(75\,km\) eadar dà thùr-stiùiridh phlèanaichean.
Tha Tùr \(A\) an Iar air Tùr \(B\).
Tha plèana air an sgrion san dà thùr.
Tha am plèana air cùrsa \(057^{o}\) bho thùr \(A\) agus air cùrsa \(320^{o}\) bho thùr \(B\).
Dè an tùr as fhaisge air a' phlèana? (Thoir adhbhar airson do fhreagairt)..
Tagh sgèile fhreagarrach (\(1\,cm\) a' riochdachadh \(10\,km\)).
Bhon a tha na tùir air loidhne an Iar/an Ear, faodaidh sinn loidhne de \(7.5\,cm\) a tharraing le \(A\) agus \(B\) aig gach ceann.
Dèan loidhneachan Tuath aig \(A\) agus \(B\) agus comharraich gach cùrsa le protractair.
Sìn loidhneachan a' chursa bho \(A\) agus \(B\) gus an coinnich iad. (Seo far a bheil am plèana).
Tomhais an t-astar bhon phlèana gu gach tùr agus atharraich air ais gu cilemeatairean a' cleachdadh na sgèile. Sgrìobh an tùr as fhaisge air a' phlèana.
'S e d' obrachadh an t-adhbhar airson freagairt na ceist seo.
'S e am freagairt Tùr \(B\).