Bidh againn ri pacaigeadh ann an iomadh suidheachadh, me a' pacaigeadh bhogsaichean airson gluasad, a' pacaigeadh chointèanairean luchd airson diofar bhàtaichean no a' lìonadh aiseagan le carbadan.
Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean tomhais
Tha Nàiseanta 4 - Pacaigeadh a' coimhead gu h-àraidh air an algoritim as fheàrr a fhreagras.
Airson Nàiseanta 5 's e an t-amas a th' againn cho beag 's a ghabhas de chointèanairean a chleachdadh.
Chan eil dòigh shònraichte ann airson seo a dhèanamh, ach chì thu aon dòigh gu h-ìosal.
Tha na nithean a leanas ri phacaigeadh ann am bogsaichean a ghabhas \(10\,kg\):
Bidh an t-algoritim teàrnach as fheàrr a fhreagras a' cur nithean ann an òrdugh bhon nì as truime chun an nì as aotruime.
Cùm ort a-nis mar a dhèanadh tu leis an algoritim as fheàrr a fhreagras le bhith a' cur gach nì dhan chiad chointèanair sa bheil rùm dha.