Clàran prìomhachais
Nuair a bhios pròiseact agad ri dhèanamh, co-dhiù 's e biadh a dhèanamh bho reasabaidh no taigh a thogail, feumaidh tu smaoineachadh air gach gnìomh fa leth a dh'fheumas tu a dhèanamh.
Tha cuid de rudan ann agus chan urrainn dhut tòiseachadh orra gus am bi feadhainn eile deiseil. Mar eisimpleir, nuair a bhios tu a' togail taigh, chan urrainn dhut na h-uinneagan a chur ann gus am bi thu air na ballachan a thogail.
A' dèanamh teatha
Nuair a nì thu cupa teatha, feumaidh tu na rudan seo a dhèanamh:
| Gnìomh | |
| A | Goil an coire |
| B | Cuir poca-teatha ann an cupa |
| C | Dèan an teatha agus leig leatha tarraing |
| D | Cuir innte am bainne |
| Gnìomh | A |
|---|---|
| Goil an coire |
| Gnìomh | B |
|---|---|
| Cuir poca-teatha ann an cupa |
| Gnìomh | C |
|---|---|
| Dèan an teatha agus leig leatha tarraing |
| Gnìomh | D |
|---|---|
| Cuir innte am bainne |
Ach tha òrdugh ann:
- chan urrainn dhan teatha tarraing gus am bi thu air an t-uisge a ghoil
- chan urrainn dhan teatha tarraing gus am bi thu air pocan-teatha a chur dhan chupa
- chan urrainn dhut am bainne a chur innte gus am bi an teatha air a dèanamh.
Cuidichidh clàr prìomhachais thu a' cur nan gnìomhan ann an òrdugh agus seallaidh e na ceumannan.
Cuimhnich gu bheil na gnìomhan a tha an urra ri rudeigin a' buntainn a-mhàin ris na gnìomhan a tha dìreach ron ghnìomh a tha thu a' dèanamh.
| Gnìomh | An urra ri |
| A | |
| B | |
| C | A, B |
| D | C |
| Gnìomh | A |
|---|---|
| An urra ri |
| Gnìomh | B |
|---|---|
| An urra ri |
| Gnìomh | C |
|---|---|
| An urra ri | A, B |
| Gnìomh | D |
|---|---|
| An urra ri | C |
Chì thu bhon chlàr seo gum faodadh tu A no B a dhèanamh an toiseach oir chan eil iad an urra ri gnìomh sam bith eile.