Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh pearsantaSgrìobhadh pearsanta

Ciamar a b’ urrainn dhut do chuid sgrìobhaidh pearsanta a thoirt gu ìre nas àirde? Dè na diofar structairean cànain a dh’obraicheadh? Seo dòigh air na ceistean sin fhuasgladh.

Part ofGàidhligSgrìobhadh

Sgrìobhadh pearsanta

Anns an earrainn sgrìobhaidh seo coimheadaidh sinn air aon dòigh air ceist Sgrìobhadh pearsanta a fhreagairt.

Seo ceist a dh'fhaodadh a bhith ann am measadh-aonaid:

Na cur-seachadan agam fhèin

Sgrìobh aiste phearsanta air a bheil an tiotal 'Na cur-seachadan agam fhèin'.

Nad phlana, dh'fhaodadh tu tiotalan a sgrìobhadh a dh'innseadh dè bhiodh anns gach paragraf (àireamhan 1-5).

Mapa-inntinn air a' chuspair 'Na cur-seachadan agam fhËiní
Figure caption,
Mapa-inntinn air a' chuspair 'Na cur-seachadan agam fhèin'

Seo mar a bha mise a' smaoineachadh air an aiste a chur ri chèile:

Paragraf 1: Ro-ràdh

  • Innsidh mi mu na tha mi a' dol a dhèanamh anns an aiste seo
  • Ainmichidh mi na trì cur-seachadan a tha agam

Paragraf 2: Ball-basgaid

Innsidh mi mun chur-seachad seo, me:

  • cuin a thòisich mi
  • dè cho tric 's a bhios mi ris
  • an sgioba dhan cluich mi
  • an toileachas a tha e a' toirt dhomh
  • am feum a tha e a' dèanamh dhomh a thaobh fallaineachd
  • mar a tha mi a' cur eòlas air daoine eile

Paragraf 3: Leughadh

Innsidh mi mun chur-seachad seo, me:

  • far am faigh mi leabhraichean (bùthan, eadar-lìon, leabharlann, e-leabhraichean)
  • dè seòrsa leabhraichean as toigh leam
  • an leabhar as fhèarr a leugh mi
  • cho tric 's a bhios mi ris
  • am feum a tha e a' dèanamh dhomh anns an sgoil

Paragraf 4: Togail dhealbhan

Innsidh mi mun chur-seachad seo, me:

  • an camara ùr a tha agam
  • na seòrsaichean dhealbhan as toigh leam a bhith a' togail
  • cho tric 's a bhios mi ris
  • co-fharpais a bhuannaich mi

Paragraf 5: Co-dhùnadh

Cuiridh mi crìoch air an aiste le bhith ag innse:

  • mun eadar-dhealachadh a tha na cur-seachadan seo a' dèanamh rim bheatha agus mar a tha mi an dòchas leantainn orm leotha

Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair seo. An uair sin, sgrìobh aiste phearsanta air a' chuspair.