Sgrìobhadh beachdailSgrìobhadh beachdail

Ciamar a chuireas tu deagh structair air aiste sgrìobhadh beachdail? Dè na h-abairtean a bu chòir a chleachdadh? Ciamar a thaisbeanas tu beairteas cànain? Seo dòigh air na ceistean sin fhuasgladh.

Part ofGàidhligSgrìobhadh

Sgrìobhadh beachdail

Ro-ràdh

Am Measadh Aonaid

  • Bidh measadh sgrìobhaidh mar as trice ceangailte ri measadh èisteachd, measadh labhairt no measadh leughaidh. Bidh cuspair nam measaidhean ceangailte ann an dòigh air choireigin.
  • 'S dòcha gum faigh thu cothrom a bhith a' beachdachadh air a' cheist ron mheasadh. Ma gheibh, dèan cinnteach gum bi deagh phlan agad mus dèan thu am measadh fhèin. Tha plana feumail airson rian a chumail air do smuaintean - feumaidh an leughadair na sgrìobh thu a leantainn. Tha mapa-inntinn feumail airson seo.
  • Bidh thu mar as trice a' faighinn suas ri uair a thìde gus am measadh a dhèanamh.
  • Bu chòir gum bi am pìos a sgrìobhas tu co-dhiù 300 facal a dh'fhaid. Ach na gabh cus uallaich mun àireamh de dh'fhaclan. 'S e cho math 's a tha an sgrìobhadh agad an rud as cudromaiche.
  • Feumaidh tu freagairt a sgrìobhadh a tha a' cumail ri cuspair na ceiste.

Structar na h-aiste

  • Cuimhnich gu bheil toiseach agus deireadh aiste cudromach.
  • Tha thu airson aire an leughadair a tharraing aig an toiseach.
  • Cuimhnich seantansan agus earrannan a chleachdadh.

Dè bhios ann an deagh aiste?

  • Sgrìobhadh a tha soilleir agus furasta a thuigsinn.
  • Sgrìobhadh a tha a' cumail ris a' cheist.
  • Sgrìobhadh a tha a' sealltainn gu bheil stòras de dh'fhaclan agad.
  • Sgrìobhadh a tha a' cleachdadh abairtean a bhuineas dhan Ghàidhlig agus air nach eil blas na Beurla.
  • Sgrìobhadh a tha a' cleachdadh diofar structuran cànain, me diofar thràthan - 's e/feumaidh/faodaidh/bu chòir/'s urrainn...
  • Sgrìobhadh a tha ann an cruth freagarrach airson na ceist.
  • Sgrìobhadh a tha a' cumail ri riaghailtean litreachaidh, gràmair agus cruth seantains na Gàidhlig.
  • Sgrìobhadh a tha a' sealltainn gu bheil thu a' cleachdadh nan smuaintean 's nam beachdan agad fhèin.