Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh pearsantaSgrìobhadh pearsanta

Ciamar a b’ urrainn dhut do chuid sgrìobhaidh pearsanta a thoirt gu ìre nas àirde? Dè na diofar structairean cànain a dh’obraicheadh? Seo dòigh air na ceistean sin fhuasgladh.

Part ofGàidhligSgrìobhadh

Sgrìobhadh pearsanta

Ro-ràdh

Am Measadh Aonaid

  • Bidh measadh sgrìobhaidh mar as trice ceangailte ri measadh èisteachd, measadh labhairt no measadh leughaidh. Bidh cuspair nam measaidhean ceangailte ann an dòigh air choireigin.
  • 'S dòcha gum faigh thu cothrom a bhith a' beachdachadh air a' cheist ron mheasadh. Ma gheibh, dèan cinnteach gum bi deagh phlan agad mus dèan thu am measadh fhèin. Tha plana feumail airson rian a chumail air do smaointean - feumaidh an leughadair na sgrìobh thu a leantainn. Tha mapa-inntinn feumail airson seo.
  • Bidh thu mar as trice a' faighinn suas ri uair a thìde gus am measadh a dhèanamh.
  • Bu chòir gum bi am pìos a sgrìobhas tu co-dhiù 300 facal a dh'fhaid. Ach na gabh cus uallaich mun àireamh de dh'fhaclan. 'S e cho math 's a tha an sgrìobhadh agad an rud as cudromaiche.
  • Feumaidh tu freagairt a sgrìobhadh a tha a' cumail ri cuspair na ceiste.

Structar na h-aiste

  • Cuimhnich gu bheil toiseach agus deireadh aiste cudromach.
  • Tha thu airson aire an leughadair a tharraing aig an toiseach.
  • Cuimhnich seantansan agus earrannan a chleachdadh.

Dè bhios ann an deagh aiste?

  • Sgrìobhadh a tha soilleir agus furasta a thuigsinn.
  • Sgrìobhadh a tha a' cumail ris a' cheist.
  • Sgrìobhadh a tha a' sealltainn gu bheil stòras de dh'fhaclan agad.
  • Sgrìobhadh a tha a' cleachdadh abairtean a bhuineas dhan Ghàidhlig agus air nach eil blas na Beurla.
  • Sgrìobhadh a tha a' cleachdadh diofar structuran cànain, me diofar thràthan - 's e/feumaidh/faodaidh/bu chòir/'s urrainn...
  • Sgrìobhadh a tha ann an cruth freagarrach airson na ceist.
  • Sgrìobhadh a tha a' cumail ri riaghailtean litreachaidh, gràmair agus cruth seantains na Gàidhlig.
  • Sgrìobhadh a tha a' sealltainn gu bheil thu a' cleachdadh nan smuaintean 's nam beachdan agad fhèin.