Deamocrasaidh san RARiaghaltas na RA

Tha riaghaltas na RA na dà phàirt, Taigh nan Cumantan is Taigh nam Morairean. Tha Buill nan Cumantan air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha. Tha Buill nam Morairean neo-thaghte.

Part ofNuadh-eòlasAn Rìoghachd Aonaichte

Riaghaltas na RA

Tha Riaghaltas na RA air a chruthachadh leis a' phartaidh phoilitigeach (no co-bhanntachd de phartaidhean) as motha aig a bheil de riochdairean ann an Taigh nan Cumantan. Ann an 2019 fhuair na Tòraidhean a-steach le barrachd BP na bh' aig a h-uile partaidh eile còmhla. Mar sin b' urrainn dhaibh riaghaltas le mòr-chuid a chruthachadh.

Ann an 2010, cha do bhuannaich partaidh sam bith an taghadh, mar sin chaidh na Tòraidhean (am partaidh as motha) ann an co-bhanntachd còmhla ris a' Phartaidh Libearalach Dheamocratach airson an dùthaich a riaghladh.

Dè an structar a tha air Riaghaltas na RA?

'S e am Prìomhaire a tha os cionn Riaghaltas na RA. 'S àbhaist gur e ceannard a' phartaidh a bhuannaicheas an taghadh a bhios na phrìomhaire.

Tha gach roinn de Riaghaltas na RA air a stiùireadh le ministear air a bheil dleastanas ga chur le Pàrlamaid na RA airson a roinn fhèin. Gheibh gach ministear taic fo-mhinistearan, a tha iad fhèin a' faighinn taic bho sheirbheisich catharra agus luchd-obrach riaghaltais.

Dè bhios am Prìomhaire a' dèanamh?

'S e am Prìomhaire (PM) ceannard riaghaltas na RA. Bidh am Prìomhaire a' riochdachadh na RA aig an taigh agus thall thairis, agus a' co-dhùnadh air slighe agus prìomhachasan an riaghaltais. Bidh am Prìomhaire cuideachd a' taghadh ministearan a' chaibineit agus buill eile dhen riaghaltas agus a' dol dhan chathair aig coinneamhan dhen chaibineit.

'S àbhaist gun nochd am Prìomhaire ann na Taigh nan Cumantan gach seachdain gus ceistean bho BP a fhreagairt. Bidh Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir a' tachairt aig meadhan-latha a h-uile Diciadain.

Dè th' ann an comataidhean Pàrlamaid na RA?

Tha grunn chomataidhean aig Pàrlamaid na RA, mar eisimpleir, Comataidh Thaghta na Còmhdhail no Comataidh Thaghta an Fhoghlaim. Feumaidh aon-deug BP air a' char as lugha a bhith air comataidhean.

Ann an comataidhean, bidh BP a' deasbad bhilean (laghannan ùra a tha gan dèanamh) gu mionaideach no a' sgrùdadh obair riaghaltas na RA. Tha comataidhean uabhasach cudromach ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil laghannan air an cur an òrdugh gu math agus gu bheil an riaghaltas ag obrachadh gu h-èifeachdach.

More guides on this topic