Dè th' ann an Taigh nam Morairean?
'S e Taigh nam Morairean an dara seòmar ann am Pàrlamaid na RA. 'S e obair Taigh nam Morairean cuideachadh le laghan a dhèanamh, a bharrachd air a bhith a' sgrùdadh obair an riaghaltais agus a bhith a' rannsachadh chùisean.
Bidh a' mhòr-chuid de mhorairean air an cur an dreuchd leis a' mhonarc an dèidh comhairle bho phrìomh mhinistear mar chomharra air an eòlas a th' aca ann an raon air choreigin, me gnothachas, lagh no saidheans. Tha cuid eile agus 's e easbaigean ann an Eaglais Shasainn a th' annta, agus tha 92 nam morairean tron teaghlach aca no nan daoine le tiotalan (mar na Barain is na Biocasan no Viscounts).
Dè an dreuchd a tha aig a' Mhonarcachd ann an siostam poilitigeach na RA?
Faodar a ràdh gur e monarcachd bhun-reachdail (constitutional monarchy) a th' ann an siostam poilitigeach na RA, le rìgh no banrigh mar Cheann-Stàite.
A dh'aindeoin seo is iad an dà Thaigh Pàrlamaid a bhios a' dèanamh nan laghan againn, agus chan e am monarc. Chan eil a' mhonarcachd ach a' toirt Aonta Rìoghail (Royal Assent) dha na laghan.
Chan fhaod am monarc leiteachas a shealltainn do phartaidh poilitigeach sam bith. Cha bhi e/i a' gabhail gnothach ri obair na Pàrlamaid. Chan eil monarc air iarrtasan na Pàrlamaid a dhiùltadh o chionn còrr agus 300 bliadhna. A rèir a' bhun-reachd, 's e Riaghaltas a Mhòrachd / a Mòrachd a th' ann an Riaghaltas na RA.
