Dè tha ann am Pàrlamaid na RA?
Bidh Pàrlamaid na RA a' coinneachadh ann a' Westminster ann an Lunnainn. Tha e ann an dà phàirt:
- Taigh nan Cumantan - air a dhèanamh suas le Buill Phàrlamaid (BP)
- Taigh nam Morairean - air a dhèanamh suas le Morairean
Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh dà phàirt Pàrlamaid na RA: Taigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean.
The UK Parliament.
Dè th' ann an Taigh nan Cumantan?
Tha Buill Pàrlamaid (BP) air an taghadh a h-uile còig bliadhna aig taghadh coitcheann.
Tha an rìoghachd air a roinn nan 650 roinn-pàrlamaidstrong> no sgìre airson taghadh coitcheann. Bidh gach roinn-phàrlamaid a' taghadh aon BP airson na Pàrlamaid. Chaidh an taghadh coitcheann mu dheireadh a chumail ann an 2019.
Thill Alba 57 BP aig Taghadh Coitcheann 2024:
- 37 bho Phartaidh Làbarach na h-Alba
- 9 bho Phartaidh Nàiseanta na h-Alba (PNA)
- 6 bho Phartaidh Libearalach Dheamocratach na h-Alba
- 5 bho Phartaidh Tòraidheach na h-Alba
Mar a tha riaghaltasan air an cumail cunntachail
Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh mar a tha BP agus BPA a' riochdachadh an luchd-taghaidh agus mar a tha na riaghaltasan againn air an cumail cunntachail.
Find out more about holding our governments to account.
Dè an dreuchd a tha aig BP ann am Pàrlamaid na RA?
'S e fear de na rudan a dh'fheumas BP ann am Pàrlamaid na RA a dhèanamh, muinntir na roinn-phàrlamaid aca a riochdachadh air cuspairean far am bi Pàrlamaid na RA a' dèanamh cho-dhùnaidhean, me in-imrich no dìon na dùthcha. Bidh BP an dara cuid a' deasbad no a' cur cheistean ann an Taigh nan Cumantan, no bidh iad ag obair ann am buidhnean nas lugha ris an canar comataidhean.
An lùib rudan cudromach eile a bhios BP sa Phàrlamaid a' dèanamh, bidh iad a' cuideachadh le bhith a' dèanamh laghan agus a' sgrùdadh obair an riaghaltais no a' rannsachadh chùisean. 'S e na BP as àirde ann an dreuchd anns a' phartaidh (no na partaidhean, ma tha co-bhanntachd ann) a tha a' riaghladh a bhios anns a’ Chaibineat, agus 's e am Prìomh Mhinistear an ceannard a tha orra.