An tràth caithte agus an tràth teachdailAn tràth caithte agus an tràth teachdail

Bheir eòlas air gràmar na Gàidhlig cuideachadh dhut ann a bhith a’ tuigsinn is a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air an tràth chaithte is an tràth theachdail tron earrainn seo.

Part ofGàidhligGràmar

An tràth caithte agus an tràth teachdail

An tràth teachdail

1. Gus an tràth teachdail a chruthachadh airson ghnìomhairean anns a bheil an fhuaimreag mu dheireadh leathann (a, o, u) - mar eisimpleir, gabh - cuir -aidh an dèidh an fhreumh, gabh gu gabhaidh.

2. Gus an tràth teachdail a chruthachadh airson ghnìomhairean anns a bheil an fhuaimreag mu dheireadh caol (e, i) - mar eisimpleir, coisich - cuir -idh an dèidh an fhreumh, coisich gu coisichidh.

FreumhAn tràth teachdail
gabhgabhaidh
pòspòsaidh
togtogaidh
òlòlaidh
cuircuiridh
dùindùinidh
millmillidh
suidhsuidhidh
Freumhgabh
An tràth teachdailgabhaidh
Freumhpòs
An tràth teachdailpòsaidh
Freumhtog
An tràth teachdailtogaidh
Freumhòl
An tràth teachdailòlaidh
Freumhcuir
An tràth teachdailcuiridh
Freumhdùin
An tràth teachdaildùinidh
Freumhmill
An tràth teachdailmillidh
Freumhsuidh
An tràth teachdailsuidhidh