Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

RiochdaireanRiochdairean

Bheir eòlas air gràmar na Gàidhlig cuideachadh dhut ann a bhith a’ tuigsinn agus a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air riochdairean leis an earrainn is an deuchainn seo.

Part ofGàidhligGràmar

Riochdairean

Tha riochdair a' gabhail àite ainmeir

Tha riochdair a' riochdachadh ainmear.

Tha Seònaid toilichte = Tha i toilichte

Tha na balaich a' dol a shnàmh = Tha iad a' dol a shnàmh

Tha ceithir seòrsa riochdairean ann:

  • riochdair pearsanta: mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad
  • riochdair sònrachaidh: seo, sin, siud, ud
  • riochdair dàimheach: a, aig an, às an, den, dhen, leis an, air an, bhon, fon, ris an, anns an, san, don, dhan, gun
  • riochdair roimhearach: agam, annam, asam, dhìom, dhomh, fodham, leam, orm, rium, romham, thugam, tromham, umam, amsaa