Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Freumh, gnìomh-ainmear, agus gnìomh-ainmear rùnachFreumh, gnìomh-ainmear agus gnìomh-ainmear rùnach

Doimhnich d’ eòlas air freumh, gnìomh-ainmearan agus gnìomh-ainmearan rùnach leis an earrainn is an deuchainn seo.

Part ofGàidhligGràmar

Freumh, gnìomh-ainmear agus gnìomh-ainmear rùnach

Freumh, gnìomh-ainmear agus gnìomh-ainmear rùnach

Tha gnìomhairean cudromach. Bidh iad a' riaghladh seantans.

Faodaidh tu pìos sgrìobhaidh a thoirt beò le bhith a' taghadh ghnìomhairean gu faiceallach.

Seo eisimpleir de fhreumh ghnìomhairean:

  • èist
  • cuir
  • fuirich
  • òl
  • pòs
  • snàmh

Bu chòir dhan fhaclair an gnìomh-ainmear innse dhut cuideachd.

Bhon ghnìomh-ainmear faodaidh tu an gnìomh-ainmear rùnach fhaighinn. Mar eisimpleir:

An gnìomh-ainmearAn gnìomh-ainmear rùnach
a' snàmha shnàmh
a' cura chur
a' pòsadha phòsadh
ag èisteachda dh'èisteachd
ag òla dh'òl
a' fuireacha dh'fhuireach
An gnìomh-ainmeara' snàmh
An gnìomh-ainmear rùnacha shnàmh
An gnìomh-ainmeara' cur
An gnìomh-ainmear rùnacha chur
An gnìomh-ainmeara' pòsadh
An gnìomh-ainmear rùnacha phòsadh
An gnìomh-ainmearag èisteachd
An gnìomh-ainmear rùnacha dh'èisteachd
An gnìomh-ainmearag òl
An gnìomh-ainmear rùnacha dh'òl
An gnìomh-ainmeara' fuireach
An gnìomh-ainmear rùnacha dh'fhuireach

Nuair a bhios tu a' cleachdadh gnìomh-ainmear rùnach bu chòir dhut a shèimheachadh (mas urrainn) agus am mion-fhacal a no a dh' a chur air a bheulaibh. Mar eisimpleir:

  • Tha mi a' dol a shnàmh
  • Dh'fhalbh Iain airson litir a chur dhan phost
  • Thuirt Anna gun robh i a' dol a phòsadh as t-samhradh
  • Bha sinn a' dol a dh'èisteachd ris a' phroifeasair

Tha a dh' air a chleachdadh air beulaibh gnìomh-ainmear rùnach a tha a' tòiseachadh le fuaimreag no le f+fuaimreag.