Tuathanachas ann an dùthchannan fo leasachadh
Biadh le atharrachadh ginteil (GM)
Chaidh sìol High Yield Variety (HYV) a dhèanamh le luchd-saidheans gus am biodh barrachd bìdh ann, agus gus nach biodh uiread de ghort ann an dùthchannan fo leasachadh. Bheir an sìol 'mìorbhaileach' HYV seo dhuinn a shia uiread de bhàrr na bheir sìol àbhaisteach san aon phìos de thalamh. Chì thu buannachdan agus eas-bhuannachdan nan HYVs sa chlàr:
| Buannachdan | Eas-bhuannachdan |
| Bàs leis an acras agus gort air lùghdachadh | Feumaidh bàrr HYV tòrr todhair is puinnsean phlàighean mus fàs iad agus tha sin a' cur ri cosgaisean agus truailleadh |
| Chan eil bàrr HYV cho àrd agus cuiridh iad suas nas fheàrr ri gaoth agus uisge mòr | Feumaidh bàrr HYV barrachd uisge gu cunbhalach – barrachd cosgais ann an uisgeachadh |
| Tha barrachd bìdh ga fhàs air pìos dhen talamh agus tha barrachd prothaid aig na tuathanaich | Chan urrainn dha na tuathanaich as bochda sìol HYV a cheannach agus chan eil e na bhuannachd dhaibh |
| Buannachdan | Bàs leis an acras agus gort air lùghdachadh |
|---|---|
| Eas-bhuannachdan | Feumaidh bàrr HYV tòrr todhair is puinnsean phlàighean mus fàs iad agus tha sin a' cur ri cosgaisean agus truailleadh |
| Buannachdan | Chan eil bàrr HYV cho àrd agus cuiridh iad suas nas fheàrr ri gaoth agus uisge mòr |
|---|---|
| Eas-bhuannachdan | Feumaidh bàrr HYV barrachd uisge gu cunbhalach – barrachd cosgais ann an uisgeachadh |
| Buannachdan | Tha barrachd bìdh ga fhàs air pìos dhen talamh agus tha barrachd prothaid aig na tuathanaich |
|---|---|
| Eas-bhuannachdan | Chan urrainn dha na tuathanaich as bochda sìol HYV a cheannach agus chan eil e na bhuannachd dhaibh |
Bith-chonnaidhean
Tha bith-chonnadh a' ciallachadh connadh sam bith a chaidh a dhèanamh bho nithean beò no bho sgudal. Tha bith-chonnadh nas fheàrr dhan àrainneachd, nan stòras nas seasmhaiche agus tha iad nas saoire na bhith a' cleachdadh connadh fosail. Anns na h-Innseachan, bidh iad a' fàs agus a' pròiseasadh sìol Jatropha anns a bheil tòrr ola (40%). Faodar an ola a chleachdadh cho luath 's a gheibhear i oir chan fheumar a fìneadh. Bidh an ola (bith-dhìosail) ga cleachdadh mar chumhachd airson gineadairean agus einnseanan dìosail ann an nithean mar tractaran.
| Buannachdan | Eas-bhuannachdan |
| Bidh an lus a' fàs air iomall-thalamh tioram nach eilear a' cleachdadh airson tuathanachas. Mar sin chan eil talamh prìseil tuathanachais ga chall ann a bhith a' dèanamh bith-chonnadh sna h-Innseachan | Faodaidh lùth a th' air a chleachdadh gus bàrr fhàs agus a phròiseasadh an àrainneachd a mhilleadh, me bidh tractaran a tha a' losgadh dìosail a' dèanamh truailleadh èadhair nas miosa |
| Tha iad nas saoire na connadh fosail, a tha daor agus a tha a' truailleadh na h-àrainneachd | Tha bith-chonnadh mar ethanol a' dèanamh barrachd meirgidh na peatrail no dìosail, agus chan urrainnear a chleachdadh ann am plèanaichean no ann am bàtaichean |
| Tha fàs nan lusan a' toirt obair do dhaoine | Chan eil gnìomhachasan deònach cus airgid a chur a dh'ionnsaigh leasachadh bith-chonnaidhean fhad 's a tha connadh fosail fhathast ri fhaotainn |
| Chan fheumar craobhan a leagail airson connadh agus bidh iad a' dìon an talaimh bho bhleith | 'S dòcha nach bi bith-chonnadh math dhan eaconamaidh, an taca ri connadh fosail, oir chan eil fios air mòran mu dheidhinn |
| Buannachdan | Bidh an lus a' fàs air iomall-thalamh tioram nach eilear a' cleachdadh airson tuathanachas. Mar sin chan eil talamh prìseil tuathanachais ga chall ann a bhith a' dèanamh bith-chonnadh sna h-Innseachan |
|---|---|
| Eas-bhuannachdan | Faodaidh lùth a th' air a chleachdadh gus bàrr fhàs agus a phròiseasadh an àrainneachd a mhilleadh, me bidh tractaran a tha a' losgadh dìosail a' dèanamh truailleadh èadhair nas miosa |
| Buannachdan | Tha iad nas saoire na connadh fosail, a tha daor agus a tha a' truailleadh na h-àrainneachd |
|---|---|
| Eas-bhuannachdan | Tha bith-chonnadh mar ethanol a' dèanamh barrachd meirgidh na peatrail no dìosail, agus chan urrainnear a chleachdadh ann am plèanaichean no ann am bàtaichean |
| Buannachdan | Tha fàs nan lusan a' toirt obair do dhaoine |
|---|---|
| Eas-bhuannachdan | Chan eil gnìomhachasan deònach cus airgid a chur a dh'ionnsaigh leasachadh bith-chonnaidhean fhad 's a tha connadh fosail fhathast ri fhaotainn |
| Buannachdan | Chan fheumar craobhan a leagail airson connadh agus bidh iad a' dìon an talaimh bho bhleith |
|---|---|
| Eas-bhuannachdan | 'S dòcha nach bi bith-chonnadh math dhan eaconamaidh, an taca ri connadh fosail, oir chan eil fios air mòran mu dheidhinn |
Atharrachaidhean san dealbh-tìre dhùthchail
Ath-leasachadh talaimh
Mar phàirt dhen atharrachadh uaine, thachair ath-leasachadh talaimh. Bha sin a' ciallachadh gun deach achannan beaga a chur còmhla airson gum biodh rùm gu leòr annta do thractaran, agus cuideachd airson gum biodh e na b' fhasa do thuathanaich an talamh obrachadh. Mar sin, tha achannan air fàs nas motha. Tha uchdan fhathast gan dèanamh air cliathaichean nam beanntan agus gan àiteach, oir tha talamh na ghoireas prìseil.
Bun-structar
Thàinig piseach air rathaidean agus air an rèile airson bàrr a chur gu luath gu margaidean agus cuideachd airson innealan tuathanachais a thoirt dhan sgìre agus an gluasad air feadh na sgìre. Chaidh rathaidean a thogail eadar prìomh bhailtean agus mòr-bhailtean agus inbhe feadhainn a bh' ann mar-thà a leasachadh.
Structar cosnaidh agus imrich
Tha a' mhòr-chuid dhen t-sluagh ag obair ann an tuathanachas, ach chan eil uiread de dh'obraichean ann air sgàth innealan. Tha an sgìre seo a-nis na sgìre le mach-imrich – tha mòran dhaoine a' falbh às na sgìrean dùthchail airson obair a lorg ann am bailtean nas motha mar Patna agus Kolkatta (Calcutta).