Cuspair sgrùdaidh air Na Fens, Anglia an Ear
Iomairtean eile
'S e na Fens ann an Anglia an Ear an sgìre as cudromaiche san RA airson tuathanachas àitich coimearsalta. Tha ùir thorrach, dhubh san talamh ìosal agus tha a' ghnàth-shìde blàth agus fìor mhath airson bàrr fhàs mar cruithneachd, eòrna, cuilc-shiùcair agus peasraichean. Tha tòrr dhiubh sin gam fàs airson prothaid a dhèanamh.
Iomairtean eile air tuathanasan
Tha mòran dhe na tuathanaich anns na Fens a' ruith gnìomhachasan mòra àiteachais. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a' cur an uabhais. Ach 's e gnìomhachas cruaidh a th' ann an tuathanachas agus tha e doirbh do mhòran dhe na tuathanaich bheaga beòshlaint a dhèanamh. Airson an cuideachadh gus barrachd airgid a dhèanamh, tha mòran thuathanach air tòiseachadh air obraichean eile nach eil co-cheangailte ri tuathanachas. Bidh tuathanaich mar sin a' cleachdadh an fhearainn airson grunn adhbharan.
Turasachd
- Taighean air mhàl do luchd-turais
- Goireasan Leabaidh is Bracaist (B&B)
- Làraich campachaidh agus charabhain
Iomairt
- Iasgach
- Cuairtean foghlaim
- Dèanamh càise
- Cafaidhean agus bùithtean tuathanais
- Togail mheasan
Cur-seachadan
- Cur-seachadan mar baidhcean cuad agus dràibheadh far an rathaid
- Peant-bhall
- Marcachd
Tha iomairtean eile a' ciallachadh gu bheil barrachd turasachd ann an sgìrean dùthchail. Faodaidh deagh bhuaidh a bhith aig an seo oir tha cìsean air an togail air an teachd-a-steach a bharrachd agus tha airgead air a thasgadh ann an sgìrean dùthchail gus piseach a thoirt air seirbheisean ionadail agus air àrainnean nàdarra. Ach tha fìor dhroch bhuaidh aig turasachd air an dealbh-tìre dhùthchail:
- tha ballachan cloiche gam milleadh le daoine a' sreap thairis orra
- slighean-coiseachd a' crìonadh agus a' milleadh nan seallaidhean
- barrachd sgudail a' milleadh coltas an àite
- goireasan turasachd a' milleadh coltas nàdarra na dùthcha, me làraich campachaidh
- barrachd trafaig, barrachd fuaim agus truailleadh èadhair anns na bailtean beaga
- faodaidh spòrs-uisge an t-uisge ann an lochan agus ann an aibhnichean a thruailleadh