DùthchailBuaidh teicneòlas ùr

Tha dealbhan-tìre dùthchail ann an dùthchannan leasaichte agus fo leasachadh air atharrachadh ri linn leasachaidhean ùra leithid tuathanachas organach, buaidh teicneòlas ùr agus bith-chonnaidhean.

Part ofCruinn-eòlasÀrainneachdan daonna

Buaidh teicneòlas ùr

Innealan

Bho na 1950an tha cleachdadh innealan mar tractaran, croinn, innealan-fogharaidh agus innealan airson sìol a chur air a dhol am meud gu mòr. Tha deagh buaidh agus droch bhuaidh air a bhith aig teicneòlas ùr tuathanachais air sgìrean dùthchail:

Deagh bhuaidheanDroch bhuaidhean
Barrachd bàrr oir gabhaidh an obair a dhèanamh nas luaithe agus èifeachdaiche.Thugadh air falbh àrainnean bheathaichean agus fasgadh, mar callaidean, airson achannan a dhèanamh nas motha airson a bhith freagarrach airson innealan mòra.
Barrachd prothaid dhan tuathanachBarrachd truaillidh bho fhuaim
Chan eil an obair cho cruaidh air daoineNas lugha de dh'obraichean
Nas lugha de luchd-obrach agus nas lugha de thuarastail aig tuathanach ri phàigheadhNuair nach bi obair aig daoine, bidh iad a' gluasad air falbh airson cosnadh a lorg – tha sin ag adhbharachadh crìonadh sluaigh air an dùthaich
Tha e nas luaithe am bàrr a bhuain agus mar sin tha e nas ùireTha innealan daor an ceannach agus faodaidh e bhith cosgail an càradh
Deagh bhuaidheanBarrachd bàrr oir gabhaidh an obair a dhèanamh nas luaithe agus èifeachdaiche.
Droch bhuaidheanThugadh air falbh àrainnean bheathaichean agus fasgadh, mar callaidean, airson achannan a dhèanamh nas motha airson a bhith freagarrach airson innealan mòra.
Deagh bhuaidheanBarrachd prothaid dhan tuathanach
Droch bhuaidheanBarrachd truaillidh bho fhuaim
Deagh bhuaidheanChan eil an obair cho cruaidh air daoine
Droch bhuaidheanNas lugha de dh'obraichean
Deagh bhuaidheanNas lugha de luchd-obrach agus nas lugha de thuarastail aig tuathanach ri phàigheadh
Droch bhuaidheanNuair nach bi obair aig daoine, bidh iad a' gluasad air falbh airson cosnadh a lorg – tha sin ag adhbharachadh crìonadh sluaigh air an dùthaich
Deagh bhuaidheanTha e nas luaithe am bàrr a bhuain agus mar sin tha e nas ùire
Droch bhuaidheanTha innealan daor an ceannach agus faodaidh e bhith cosgail an càradh

Todhar gallta agus puinnsean phlàighean

Tha barrachd todhar gallta agus puinnsean phlàighean gan cleachdadh airson feuchainn ri barrachd bàrr agus barrachd prothaid fhaotainn. Tha todhar ceimigeach cuideachd a' ciallachadh gum fàs bàrr air iomall-thalamh far nach eil an ùir cho math. Thàinig buannachdan agus eas-bhuannachdan an cois cheimigich ùra:

BuannachdanEas-bhuannachdan
Barrachd bàrr oir tha e a' fàs nas fheàrr air sgàth an todhairBarrachd truailleadh aibhnichean air sgàth ruith-dheth cheimigeach
Chan eil uiread de lusan gan ithe le plàighean agus mar sin tha barrachd bàrr ann airson a reicUisge aibhne air a thruailleadh ag adhbharachadh dhuilgheadasan mar algae a bhios a' toirt ogsaidean às an abhainn agus a' toirt buaidh air fiadh-bheatha
BuannachdanBarrachd bàrr oir tha e a' fàs nas fheàrr air sgàth an todhair
Eas-bhuannachdanBarrachd truailleadh aibhnichean air sgàth ruith-dheth cheimigeach
BuannachdanChan eil uiread de lusan gan ithe le plàighean agus mar sin tha barrachd bàrr ann airson a reic
Eas-bhuannachdanUisge aibhne air a thruailleadh ag adhbharachadh dhuilgheadasan mar algae a bhios a' toirt ogsaidean às an abhainn agus a' toirt buaidh air fiadh-bheatha

Uidheamachd uisgeachaidh – canàilean agus crathadairean uisge

Ann an sgìrean nas tiorama, tha feum air canàilean agus siostaman crathadh uisge (uisgeachadh fuadain) airson uisge a chur air a' bhàrr. Às aonais uidheamachd uisgeachaidh, cha deigheadh aig gnìomhachasan mòra àiteachais air prothaidean mòra a dhèanamh.

More guides on this topic