Putsch an Talla Leanna (1923)
Am Pàrtaidh Nadsaidheach
- Bha am Pàrtaidh Nadsaidheach air tòiseachadh sna bliadhnaichean an dèidh a' Chiad Chogaidh.
- Ann an 1920, b' e Pàrtaidh Luchd-obrach Sòisealta, Nàiseanta na Gearmailt a bh' orra agus ann an 1921, b' e Adolf Hitler an ceannard aca.
- Bha am Pàrtaidh Nadsaidheach air fàs mòr agus air barrachd taic fhaotainn fo Hitler. Bha 20,000 ball aca ro dheireadh 1922.
Amas Putsch
- Bha na Nadsaidhean airson cur às do Riaghaltas Bhabhàiria. B' e Gustav von Kahr a bha os cionn an riaghaltais sin agus bha e stèidhichte ann am Munich.
- Nuair a bhiodh iad air cumhachd fhaighinn dhaibh fhèin ann am Babhàiria, dh'fhaodadh iad Riaghltas Weimar a chur fodha.
- Bha taic aca bhon t-Seanalair Ludendorff agus bha iad an dòchas gum faigheadh iad esan gu bhith na cheannard air a' Ghearmailt.
An t-ar-a-mach
Bha prìomh luchd-poilitigs à Babhàiria, le Kahr nam measg, a' coinneachadh ann an talla leanna Buergerbraeukeller ann am Munich, air 8 Samhain 1923. Bhris Hitler agus an SA (Sturmabteilung, na brownshirts) a-steach air a' choinneimh, agus bha iad a' maoidheadh fòirneart air na bha an làthair. Chaidh Kahr, Seanalair von Lossow (ceannard an airm ann am Babhàiria) agus an Còirneal von Seisser (ceannard Poilis Bhabhàiria) a ghlasadh ann an rùm-cùil. Thàinig orra a ràdh gu poblach gun robh iad a' toirt taic dha na Nadsaidhean.
Dh'fhàg Hitler an talla leanna airson sùil a chumail air còmhstri eadar an SA agus Arm na Gearmailt ann am badeigein eile ann am Munich. Thug Ludendorff cead dhan luchd-poilitigs an talla leanna fhàgail. B' e mearachd a bha an sin oir chuir iad cùl sa bhad ri taic dha na Nadsaidhean. An-ath-mhadainn, mhèarrs na Nadsaidhean le Hitler agus Ludendorff os an cionn a mheadhan Mhunich. Thug na poilis agus an t-arm an aghaidh orra agus chaidh urchraichean a losgadh. Chaidh luchd-taic nan Nadsaidhean agus an SA a sgapadh.
An dèidh làimhe
- Chaidh Hitler a thoirt dhan chùirt fo chasaid brathaidh.
- Chaidh fhaighinn ciontach agus a chur dhan phrìosan airson còig bliadhna, ach fhuair e a-mach an dèidh 9 mìosan.
- Nuair a bha e sa chùirt, chaidh aige air a mhìneachadh gu poblach gun robh e airson a' Ghearmailt a shàbhaladh bhon riaghaltas, nach robh ag obrachadh airson an t-sluaigh.
- Fhad 's a bha e ann am Prìosan Landsberg, sgrìobh e Mein Kampf, leabhar a bha a' mìneachadh mar a bu chòir a' Ghearmailt a bhith air a riaghladh.

Dh'fhàillig am Putsch, ach nochd e gun robh mòran an aghaidh Riaghaltas Weimar. Seach nach d' fhuair Hitler ach còig bliadhna prìosain, agus seach gun d' fhuair e paròil ann an 9 mìosan, bha e follaiseach gun robh cùirtean agus breitheamhan na Gearmailt cuideachd an aghaidh an riaghaltais.