Riaghaltas Weimar
Aig deireadh a' Chiad Chogaidh, chuir an Kaiser Wilhelm II bhuaithe an crùn agus theich e dhan Òlaind. An toiseach, choinnich an riaghaltas ùr a chaidh na àite ann a' Weimar, oir bha cunnartan ann am Berlin a thaobh tèarainteachd. B' ann mar sin a fhuair e an t-ainm Poblachd Weimar.
Nithean a bha math mu Riaghaltas Weimar
- Bha cead-bhòtaidh aig gach fireannach agus boireannach a bha còrr is 20.
- Bha saorsa cainnt is creideimh aig saoranaich na Gearmailt.
- Bha a h-uile saoranach sa Ghearmailt gu bhith co-ionann.
- Bhiodh saoranaich na Gearmailt agus an Ceann-suidhe a' taghadh pàrlamaid an Reichstag.
- Bha an Reichstag a' dèanamh nan laghan agus a' cur an riaghaltais an sàs.
Nithean nach robh math mu Riaghaltas Weimar
- Bha a' phàrlamaid air a taghadh tro shiostam riochdachaidh cho-roinneil far am biodh muinntir na Gearmailt a' bhòtadh airson pàrtaidh.
- Bha sin a' ciallachadh gun deach iomadh pàrtaidh beag a thaghadh. Cha b' urrainn do phàrtaidh sam bith mòr-chuid fhaotainn agus bha an dùthaich air a riaghladh le co-bhanntachd, sin diofar phàrtaidhean ag obair còmhla gus mòr-chuid a chruthachadh.
- Bha sin ag adhbhrachadh eas-aonta eadar na pàrtaidhean agus cha robh aonta ann air dè dhèanadh iad.
- Artaigil 48 dhen Bhun-reachd - bha sin ag ràdh, nam biodh èiginn ann, gum faodadh an ceann-suidhe smachd a ghabhail air a' Ghearmailt agus laghan agus reachdan a stèidheachadh.
- Bha cunnart ann gun leigeadh seo le deachdaireachd tighinn gu bith.
Bha droch bhuaidh aig Bun-reachd Weimar air Riaghaltas Weimar. Dh'fheumadh pàrtaidhean beaga a bhith a' co-obrachadh airson a chumail a dol. Bha cunnart mòr ann gun deigheadh deachdaireachd a chruthachadh.