Duilgheadasan eaconamach (1919-23)
An Fhraing a' toirt ionnsaigh air an Ruhr
Adhbhar
- Mar thoradh air Cùmhnant Versailles a shoidhnigeadh, dh'fheumadh Riaghaltas Weimar dìoladh a phàigheadh dhan fheadhainn a bhuannaich a' Chiad Chogadh.
- Ann an 1922, thuirt Riaghaltas Weimar nach b' urrainn dhaibh an dìoladh a phàigheadh airson nan trì bliadhna a bh' air thoiseach air sgàth cruadal eaconamach.
- Bha Riaghaltas na Frainge dhen bheachd gum b' urrainn dhaibh pàigheadh, agus nach robh iad ach a' feuchainn ri faighinn a-mach dè cho foighidneach 's a bhiodh na riaghaltasan eadar-nàiseanta.
Ionnsaigh
- San Fhaoilleach 1923, chuir an Fhraing agus a' Bheilg 60,000 saighdear a sgìre an Ruhr sa Ghearmailt.
- Bha na Frangaich ag amas air dìoladh nach deach a phàigheadh fhaighinn dhaibh fhèin, agus ghabh iad smachd air na prìomh ghnìomhachasan agus air stòrasan nàdarra.
- Thug Riaghaltas na Gearmailt òrdan do luchd-obrach san Ruhr a dhol air stailc an àite a bhith a' cuideachadh nam Frangach.
Buaidh

Rinn sin èiginn eaconamach na Gearmailt na bu mhiosa. Chaidh teachd-a-steach an Riaghaltais bhon Ruhr, sgìre gnìomhachais cho mòr 's a bha sa Ghearmailt, sìos. Thòisich an riaghaltas air barrachd airgid a chlò-bhualadh airson gum pàigheadh iad an luchd-obrach Gearmailteach a bha air stailc san Ruhr.
Mòr-atmhorachd
- Thachair seo nuair a thàinig tuil mòr de dh'airgead pàipeir dhan eaconamaidh, a bharrachd air stailc choitcheann, agus eaconamaidh lag a bh' air a milleadh leis a' chogadh.
- Chaidh reat na h-atmhorachd suas cho uabhasach fhèin mòr 's gun do chaill airgead na Gearmailt a luach cha mhòr gu tur. Cha mhòr gun robh luach sam bith ann an airgead pàipeir. Bha lof a' cosg 250 marc san Fhaoilleach 1923 ach 200,000 millean marc san t-Samhain 1923.
Buaidh mòr-atmhorachd
- B' e na Gearmailtich le airgead air a chaomhnadh a bu mhotha a chaill oir chaill an t-airgead aca a luach.
- Dh'fhuiling na daoine a bu shine gu mòr oir bha an teachd-a-steach aca stèidhichte.
- Thug e buaidh cuideachd air Gearmailtich a bha air am pàigheadh gach mìos oir dheigheadh luach an airgid aca sìos gu mòr mus faigheadh iad an ath phàigheadh.
- Cha robh e cho dona dhan fheadhainn a bh' air am pàigheadh gach seachdain, no dham b' urrainn pàigheadh a chur air dòigh gach latha.
- Bha e gu math na b' fhasa do dhaoine le iasadan am pàigheadh air ais.
- Bha biadh gann oir cha robh airgead gu leòr aig gnìomhachasan airson bathar a cheannach bho thuathanaich.
- Bha barrachd eucoir ann agus na Gearmailtich nan èiginn.
Ann an 1924 thàinig an èiginn gu crìch nuair a chaidh airgead ùr, an Rentenmarc, a chruthachadh san t-Samhain 1923 agus le Plan Dawes san Lùnastal 1924. Bha eaconamaidh na Gearmailt a-nis an urra ri iasadan bho Ameireaga.
Bha droch bhuaidh aig mòr-atmhorachd air Riaghaltas Weimar. Bha eaconamaidh na Gearmailt a-nis an urra ri eaconamaidh nan SA. Le Briseadh Wall Street ann an 1929, chaidh eaconamaidh nan SA bho fheum, agus chaidh eaconamaidh na Gearmailt a tharraing sìos cuideachd. Dh'fhàillig gnìomhachasan agus chaidh àireamh nan daoine gun chosnadh suas gu 6 millean. Thòisich an-fhois shòisealta, agus bha daoine leis an acras.