A' cleachdadh dealbh-tìre crios-meadhain
Àiteachas gluasadach
Tha treubhan dùthchasach air a bhith a' fuireach ann an coilltean-uisge an t-saoghail o chionn mhìltean bhliadhnaichean gun a sgrios. Tha iad an sàs ann an dòigh àiteachais sìmplidh ris an canar àiteachas gluasadach. 'S e dòigh àiteachais traidiseanta agus seasmhach a tha seo a bhios a' dèanamh biadh airson a bhith beò. Còmhla ri nithean eile sa chultar agus san dòigh-beatha thraidiseanta aca, tha àiteachas gluasadach ann an cunnart air sgàth mòr-leagail nan coilltean-uisge.

Pàirt dhen Amason a' losgadh ann an Stàit Para, Brasil
- 'S e dòigh tuathanachais bith-beò a th' ann an 'Leag is loisg' a bhios an treubh Kayapo Amer-innseanach ann an Coille-uisge an Amasoin ann am Brasil a' cleachdadh.
- Bidh pìos beag de thalamh (mu 1 heactair) ga ghlanadh le tuaghan cloiche agus machetes. Canar Chagras ris na h-àitichean sin a chaidh a ghlanadh.
- Tha craobhan nas motha, agus feadhainn air am bi measan, air am fàgail gus cuideachadh le ath-nuadhachadh.
- Tha an fhàsmhorachd air a losgadh, agus tha sin a' toirt dhaibh luath a th' air a cleachdadh mar thodhar nàdarra.
- Tha bàrr mar manioc agus yams gan cur le bior cladhaich le gob fada.
- Tha sealg, iasgach agus cruinneachadh mheasan a' cur ri biadh nan daoine.
- Bidh an ùir torrach airson 2-3 bhliadhnaichean agus thèid aig an treubh air bàrr fhàs.
- An ceann 2-3 bhliadhnaichean, nuair nach eil an còrr mathais air fhàgail san ùir, chan fhàs bàrr cho math. Tha am mathas air falbh bhon ùir – chaidh am mathas a sguabadh a-mach às an ùir uachdrach. Chaidh an ùir a bhleith agus a siabadh a-steach a dh'aibhnichean.
- Feumaidh an treubh gluasad agus pìos beag eile dhen choille a ghlanadh agus bidh am pròiseas a' tòiseachadh a-rithist.
- Bidh a' chiad àite ag ùrachadh thar 30-60 bliadhna mar a bhios e a' faighinn mathas agus sìol bhon fhàsmhorachd mun cuairt.
- Ged a tha e a' sgrios cuid de thalamh na coille-uisge, tha e seasmhach oir tha e air sgèile bheag agus fàsaidh rudan a-rithist rè ùine.
Mì-chleachdadh dealbh-tìre crios-meadhain
Sgrios nan coilltean-uisge
Bidh daoine a' sgrios nan coilltean crios-meadhain airson iomadh adhbhar:
- Tha talamh air a ghlanadh airson tuathanachas, taigheadas agus rathaidean, me an Trans-Amazonian Highway ann an Coille-uisge an Amasoin ann am Brasil.
- Tha stòrasan air an cleachdadh airson fiachan nan dùthchannan fo leasachadh a lùghdachadh – faodaidh prothaid mhòr a bhith ann am mèinneadh airson clach-iarainn, manganèis, òr, airgead agus daoimein.
- Obair – tha obraichean air an cruthachadh do mhuinntir an àite ann an leagail chraobhan, air rainsichean cruidh, planntachadh cofaidh, mèinneadh agus ann an togail sgeamachan cumhachd dealain-uisge.
- Bidh daoine a' faighinn teachd-a-steach nuair a thèid fiodh, mèinnirean agus stòrasan eile a reic air margaidean an t-saoghail.
- Tha lusan air am buain airson rannsachadh saidheansail agus meidigeach agus 's dòcha gun toir iad sin seachad stòrasan bìdh ùr agus cungaidhean-leighis airson ghalaran a dh'fhaodadh a bhith marbhtach.
- Airson bun-structar a leasachadh, me faodar a' phrothaid bho bhith a' reic stòrasan às a' choille-uisge a chosg air sgoiltean agus ospadail a thogail.

Sealladh bhon adhair de raon-ola Urucu ann an Coille-uisge an Amasoin