Buaidh a' mhillidh air daoine agus air an àrainneachd
Daoine
- Tha sealg agus iasgach mì-laghail a' cur dòigh-beatha thraidiseanta nan sealgairean Inuit ann an cunnart oir tha na stòrasan bìdh aca ann an cunnart.
- Fhuair muinntir an àite obair ann an gnìomhachasan ùra a tha a' toirt dhaibh airgead. Tha sin a' toirt cor-beatha nas fheàrr dhaibh, ach tha e ag atharrachadh an dòigh-beatha thraidiseanta.
- Tha cur-seachadan agus goireasan ùr-nodha an taoibh 'an iar' a' toirt buaidh air dòigh-beatha thraidiseanta nan sealgairean Inuit.
- Tha puinnsean phlàighean ann an sreath a' bhìdh cunnartach nuair a tha muinntir an àite a' sealg airson bith-beò.
An àrainneachd
- 'S e àrainneachd uabhasach chugallach a tha san tundra. Mar sin tha na lusan agus beathaichean a tha beò ann air freagrachadh mìorbhaileach a dhèanamh airson a bhith beò far a bheil gnàth-shìde cho cruaidh. Ach, faodaidh an rud as lugha cur às dhaibh.
- Tha ceapan-deighe pòlarach a' leaghadh air sgàth meudachadh ann am blàthachadh na cruinne.
Ceapan-deighe a' leaghadh
- Tha mòran dhe na mathain bhàna air bàsachadh le dith a' bhìdh seach gun deach na pàtrain beathachaidh aca atharrachadh.
Mathain bhàna agus ceapan-deighe a' leaghadh
- Tha àirde na mara ag èirigh air sgàth 's gu bheil na ceapan-deighe a' leaghadh agus tha sgìrean cladaich ìosal a' dol fo thuil.
- Tha beathaichean glè thric air am marbhadh no air an ruagadh air falbh nuair a dh'fheuchas iad ri dhol tro bhaile.
- Chaidh pìob-ola Tar-Alasga a thogail air slighe imrich a' charibou. Ann an cuid de sgìrean chaidh a' phìob-ola a thogail os cionn an talaimh airson gum faigheadh an caribou a dhol foidhe.
- Dhòirt na ceudan mhìltean ghalain de dh'ola amh ann an Alasga air sgàth phìoban a spreadh agus mhill sin an àrainneachd chugallach seo.
- Tha dòrtadh ola air droch thruailleadh adhbhrachadh ann an Cuan na h-Artaig.
Chaidh slighe cuid de bheathaichean gu na h-ionadan neadachaidh is gintinn traidiseanta aca a mhilleadh le cnapan-starra, me pìoban air uachdar an talaimh.
Chaidh puinnsean a chleachdadh airson smachd fhaighinn air an àireamh mhòr de bhiastagan a th' ann. Tha seo na dhuilgheadas oir bidh na mìltean de dh'eòin-imrich ag ithe nam biastagan agus tha iad an uair sin air am puinnseanachadh no a' bàsachadh seach gun deach cur às dhan bhiadh aca.
Nuair a thèid an tundra a mhilleadh, bheir e ùine mhòr mus tèid e nas fheàrr. Seach gu bheil an ùine airson fàs cho goirid, dh'fhaodadh gun toireadh e ceudan bhliadhnaichean mus faigh an talamh thairis air làraich nan innealan mòra a bhios gnìomhachasan ola agus gas a' cleachdadh.
Tha truailleadh bho mhèinneadh agus bho dhrileadh airson ola air an èadhar, lochan agus aibhnichean a mhilleadh. Tha an talamh timcheall air cuid de mhèinnean niceal san Ruis air a thruailleadh cho mòr 's gun do bhàsaich na lusan a bha san sgìre.
Chithear lorgan-coise agus làraich thaidhrichean bliadhnaichean an dèidh an dèanamh. Nuair a dheàrrsas a' ghrian air na slocan, bidh am buan-reothadh a' leaghadh; bidh sin ag adhbhrachadh bleith, bidh na slocan a' fàs nas motha agus mu dheireadh bidh na slocan a' dol nan sgoran.
'S e an tundra fear de na prìomh thrì shincichean carbon dà-ogsaid air an t-saoghal. 'S e bith-lùth (stuth bith-eòlach bho fhàs-bheairtean beò, no a bha beò o chionn ghoirid) a th' ann an sinc carbon dà-ogsaid agus bidh e a' toirt a-steach barrachd carbon dà-ogsaid na bhios e a' leigeil mu sgaoil. Tha seo uabhasach cudromach oir 's e gas taigh-glainne a th' ann an carbon dà-ogsaid agus bidh e a' cur ri blàthachadh na cruinne. 'S àbhaist do lusan a bhith a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil nuair a bhàsaicheas agus a ghrodas iad. Ach anns an tundra, chan urrainn do lusan grodadh air sgàth 's na gnàth-shìde fhuar, chruaidh. Chaidh fuigheall lusan a bha mìltean bhliadhnaichean a dh'aois a lorg sa bhuan-reothadh. Bidh an tundra a' glacadh a' charbon dà-ogsaid agus ga thoirt às an àile. Gu mì-fhortanach, tha am buan-reothadh a' leaghadh air sgàth blàthachadh na cruinne agus a-nis, tha grunn mheatairean dhen tundra a' dol à bith gach bliadhna. Mar a tha an tundra a' leaghadh, bidh stuth nan lusan a' grodadh agus a' tilleadh carbon dà-ogsaid dhan àile – agus bidh blàthachadh na cruinne a' dol am meud. Mar thoradh air a sin, tha Alasga a-nis air fhaicinn mar stòras carbon agus chan e sinc carbon.