Iomradh air eag-shiostam crios-meadhain
Fiosrachadh
Filleadh sa choille-uisge
Tha an t-uabhas sheòrsaichean lusan is bheathaichean anns na coilltean-uisge crios-meadhain – mu 90% de ghnèithean an t-saoghail. Tha na lusan tiugh agus ann an ceithir prìomh fhillidhean:
- Filleadh ùrlar na coille/preaslach. Tha e dorcha oir tha na craobhan a' cumail a' chuid as motha de sholas na grèine a-mach. Tha ùrlar na coille air a chòmhdach le filleadh tiugh de fhreumhaichean agus de lusan a tha a' lobhadh. Canar humus ris a sin. Bidh beagan lusan a' fàs eadar na craobhan ma gheibh iad beagan de sholas na grèine. Tha a' chuid seo buailteach do thuileachadh nuair a bhios uisge mòr, mòr ann.
- 'S e am fo-sgàil-bhrat am filleadh os cionn ùrlar na coille. Tha am pàirt seo san dubhar agus nas fionnaire. Seach gur e glè bheag de sholas na grèine a tha a' faighinn thuige, bidh sìol tàmhach gus am bàsaich lusan nas motha agus craobhan. Cha toir am beàrn sa sgàil-bhrat fada a' lìonadh oir fàsaidh an sìol gu math luath. Bidh lianas no fìonain a' freumhachadh san talamh agus a' dol suas na craobhan gus am faigh iad gu solas na grèine.
- 'S e an sgàil-bhrat am filleadh air mullaich nan craobhan aig a bheil barrachd fasgaidh. 'S àbhaist gu bheil na craobhan eadar 20 is 40 meatair a dh'àirde. 'S ann san àrainn seo leis na duilleagan 's na measan a bhios a' mhòr-chuid dhen fhiadh-bheatha leithid bhiastagan, nathraichean craoibhe, eòin agus cuid de mhamalan, me an donnal-mhuncaidh, iaguar agus a' chorra-leisg.
- Bidh na craobhan as àirde sa choille-uisge sa bhàrr-bhrat agus faodaidh gum bi suas ri 60 meatair a dh'àirde annta. Tha iad nas àirde oir chaidh aca air barrachd de sholas na grèine a ghlacadh agus chuidich sin iad ri barrachd bìdh a dhèanamh airson fàs. Bidh freumhaichean tacsa aig craobhan sa bhàrr-bhrat gus nach leag gaoth mhòr iad.
Tha an diagram seo a' sealltainn ceithir fillidhean de dh'fhàsmhorachd coille-uisge agus na tha gach filleadh a' faotainn de sholas na grèine:
Tha fàsmhorachd sa choille-uisge air freagrachadh ris a' ghnàth-shìde airson a bhith beò san àrainneachd seo.




Tha iad uile air freagrachadh ris a' choille-uisge ann an dòigh eadar-dhealaichte.
Tha duilleagan mòra gobhlach, coltach ri gaotharain, air pailmean gobhlach. Tha seo math airson solas na grèine agus uisge a ghlacadh. Tha roinnean anns na duilleagan airson 's gun sruth an t-uisge air falbh agus nach bris cuideam an uisge iad.
Tha freumhaichean tacsa air sgaoileadh ann an iomadh craobh sa choille-uisge thropaigich. Bidh iad sin ag èirigh suas an stoc mu dhà mheatair no còrr bho ùrlar na coille, agus tha iad a' cuideachadh le bhith a' ceangal na craoibhe ris an talamh. Tha freumhaichean tacsa riatanach oir chan eil ach filleadh tana de dh'ùir thorrach ann an coilltean-uisge. Mar sin chan fheum craobhan freumhaichean domhainn airson faighinn chun a' bheathachaidh. Ach cha chùm freumhaichean nach eil domhainn taic ri craobhan mòra na coille-uisge agus mar sin, dh'fhàs freumhaichean tacsa gus an taic sin a thoirt dhaibh.
'S e fìonain a th' ann an lianas a bhios a' fàs suas bho ùrlar na coille agus a bhios a' cleachdadh chraobhan airson sreap suas chun an sgàil-bhrat far am bi iad a' sgaoileadh bho chraobh gu craobh airson gum faigh iad nas urrainn dhaibh de sholas na grèine.
Bidh fìogaisean mùchaidh a' tòiseachadh aig mullach craoibh agus a' gluasad sìos. Bidh an sìol a' tuiteam ann an còs aig mullach craoibh agus a' tòiseachadh air fàs. Bidh e a' cleachdadh an sprùillich a chruinnich an sin mar bheathachadh. Mean air mhean, bidh an fhìogais a' cur fhreumhaichean sìos stoc na craoibh aoigheachd gus an ruig iad an talamh agus am freumhaich iad mun chraoibh. Mar a bhios i a' fàs, bidh a' chraobh-fhìogais a' dol mun cuairt na craoibh aoigheachd, mean air mhean. Tòisichidh na freumhaichean a' dol timcheall stoc na craoibhe agus tòisichidh iad ga mùchadh. Fàsaidh geugan na fìogais nas àirde airson gun glac iad solas an latha agus bheir na freumaichean nàimhdeil mathachadh air falbh on chraoibh aoigheachd. Air a' cheann thall, bàsaichidh a' chraobh agus lobhaidh i agus fàsaidh stoc falamh, ach làidir, na fìogais-mhùchaidh.
Cuairtean mathachaidh agus uisge ann an eag-shiostam coille-uisge
Tha cuairt mhathachaidh is uisge a tha sònraichte ann an eag-shiostam coille-uisge air sgàth:
- sileadh cuartachaidh mòr
- ìre bruthainneachd mhòr
- pailteas fàsmhorachd
- ùir thana ach làn mathachaidh
Cuairt uisge na coille-uisge
Bidh freumhaichean chraobhan, lusan is phris a' tarraing uisge suas bhon ùir. Bidh craobhan a' glacadh uisge nuair a bhios i a' sileadh. Nuair a bhios an teòthachd sa choille-uisge a' dol suas tron latha, bidh e a' toirt air an uisge deatachadh dhan àile. Bidh an deatach uisge seo a' fuarachadh, a' co-dhlùthachadh agus a' cruthachadh sgòthan airson uisge a dhèanamh an-ath-latha. Canar sileadh cuartachaidh ris a seo. Tha am pròiseas a' tachairt gach latha agus tha a' chuairt a' leantainn oirre.
Cuairt mathachaidh na coille-uisge
Air sgàth 's gu bheil e cho tais air ùrlar na coille, agus gu bheil uiread de bhiastagan ann, bidh lusan agus duilleagan marbha a' briseadh sìos gu math luath. Tha a' humus seo a' toirt mathachadh a tha freumhaichean nan craobhan a' sùghadh gu luath. Bidh a' chuairt seo a' leantainn oirre fhad 's nach bi dì-choillteachadh ann. Gu mì-fhortanach, ma bheirear air falbh an sgàil-bhrat (sgàilean) de dh'fhàsmhorachd, chan fhada gus am bi an ùir neo-thorrach oir tha am mathachadh air a sguabadh a-mach às an ùir agus tha am bàrr-ùir air a sguabadh air falbh do dh'aibhnichean leis an uisge mhòr.