Malairt an triantainBuaidh air comainn-shòisealta ann an Afraga

Rinn puirt is marsantan Bhreatainn airgead air tràillean, ach bha cùisean uabhasach. Bha tràillean a’ siubhal na Slighe Meadhain’ is bhàsaich mòran.

Part ofEachdraidhMalairt Thràillean san Atlantaig

Buaidh air comainn-shòisealta ann an Afraga

Tràillealachd ann an Afraga an Iar

Bha tràillealachd air a bhith ann an Afraga an Iar fada mus tàinig na h-Eòrpaich ann.

B' ann glè ainneamh a bhiodh luchd-malairt thràillean às an Roinn Eòrpa a' glacadh thràillean Afraganach iad fhèin. Bha e doirbh do shlighe a dhèanamh air sgàth cruth na tìre, agus glè thric bha rìoghachdan an àite ro làidir airson beagan luchd-thràillean geal a dhol a shabaid riutha. Bha a' mhòr-chuid de thràillean air an reic ris na h-Eòrpaich le Afraganaich eile.

Bha cuid de stàitean Afraganach, leithid Ashanti, (Ghana an-diugh) a' malairt nan tràillean aca airson bathar – nithean mar aodach, deoch-làidir agus gunnachan. Bhiodh iad an uair sin a' cleachdadh nan goireasan ùra airson fàs na bu chumhachdaiche agus airson sabaid rin nàbaidhean airson tuilleadh thràillean a ghlacadh.

Rìoghachd Dhahomey

Ghabh Rìoghachd Dhahomey (Benin an-diugh) cuideachd brath air malairt nan tràillean. Thug iadsan ionnsaighean air tìrean mun cuairt dìreach airson tràillean a ghlacadh. Ghabhadh na tràillean an uair sin an reic ris na h-Eòrpaich.

Thathar a' tuairmse gun tugadh 326,000 tràill à Bight of Bonny (Nigeria an-diugh) eadar 1780 agus 1800. Thàinig an t-ainm Costa nan Tràillean gu bhith air an sgìre timcheall Bight of Benin agus Bight of Bonny.