Malairt an triantainRianachd agus nàdar malairt nan tràillean

Rinn puirt is marsantan Bhreatainn airgead air tràillean, ach bha cùisean uabhasach. Bha tràillean a’ siubhal na Slighe Meadhain’ is bhàsaich mòran.

Part ofEachdraidhMalairt Thràillean san Atlantaig

Rianachd agus nàdar malairt nan tràillean

Suas chun an 19mh linn, bha an dà chuid riaghladairean Afraganach agus luchd-malairt Eòrpach deònach a bhith ri malairt thràillean.

Malairt nan tràillean a' tòiseachadh

Thòisich malairt nan tràillean nuair a bha luchd-malairt à Portagail agus às an Spàinn a' toirt thràillean à Afraga dha na coloinidhean Ameireaganach a chuir iad fodha sa 15mh linn. Chaidh mu 350,000 Afraganach a thoirt a dh'Ameireaga mar thràillean san dòigh sin.

Malairt nan tràillean a' tòiseachadh san Atlantaig

Breatainn agus malairt nan tràillean

Dealbh de Sir John Hawkins a' chiad chaiptean-mara Sasannach a bha ri malairt thràillean
Figure caption,
Sir John Hawkins

Chaidh seòladairean Breatannach an sàs ann am malairt nan tràillean san 16mh linn. Thòisich spùinneadairean Sasannach air tràillean a reic ris na coloinidhean Spàinnteach. B' e Sir John Hawkins a' chiad chaiptean-mara Sasannach a rinn sin. Chunnaic dùthchannan eile mar a rinn e agus cha b' fhada gus an do rinn iad fhèin an aon rud.

Cùmhnant Utrecht

Ann an 1713, chaidh Cùmhnant Utrecht a shoidhnigeadh. Thug an Spàinn an cùmhnant, ris an canar an Asiento, do luchd-malairt thràillean ann am Breatainn airson 144,000 tràill gach bliadhna a chur dhan roinn Spàinntich de dh'Ameireaga a Deas. An dèidh 1700, chaidh an àireamh thràillean a bha gan gluasad am meud gu mòr.

Tha tuairmse ann gun deach mu 12 millean Afraganach a ghlacadh airson an toirt a dh'Ameireaga mar thràillean.

Càit an deach na tràillean?

  • Chaidh còrr is 55% dhe na tràillean a dh'Ameireaga a Deas a bha leis an Spàinn.
  • Chaidh mu 35% a thoirt dha na h-Innseachan an Iar.
  • Chaidh na bu lugha na 5% de thràillean a reic ann an Ameireaga a Tuath.
Map de mhalairt dhaoine fo thràilleachd, a' sealltainn a' cheudad de dhaoine fo thràilleachd a thugadh do dhiofar dhùthchannan

Ann an 1770 chaidh mu 100,000 tràill a chur à Afraga a dh'Ameireaga. Chaidh mu 50,000 dhiubh sin ann air bàtaichean Breatannach.

Bha bàtaichean malairt Bhreatainn a' gabhail pàirt ann am malairt nan tràillean gus an deach cur às dha ann an 1807.