Malairt an triantainA' bhuaidh air puirt ann am Breatainn

Rinn puirt is marsantan Bhreatainn airgead air tràillean, ach bha cùisean uabhasach. Bha tràillean a’ siubhal na Slighe Meadhain’ is bhàsaich mòran.

Part ofEachdraidhMalairt Thràillean san Atlantaig

A' bhuaidh air puirt ann am Breatainn

Dè cho farsaing 's a bha malairt nan tràillean?

Tha an clàr gu h-ìosal a' sealltainn àireamhan malairt bhàtaichean nan tràillean tro phrìomh phuirt Bhreatainn ann an 1771.

PortÀireamhan bhàtaicheanTràillean
Liverpool10729,250
Lunnainn588,136
Bristol238,810
Lancaster4950
PortLiverpool
Àireamhan bhàtaichean107
Tràillean29,250
PortLunnainn
Àireamhan bhàtaichean58
Tràillean8,136
PortBristol
Àireamhan bhàtaichean23
Tràillean8,810
PortLancaster
Àireamhan bhàtaichean4
Tràillean950

Bha Glaschu aig an àm an sàs san dara leth de mhalairt an tombaca, agus bha an gnìomhachas sin gu mòr an urra ri obair thràillean a bha a' fàs tombaca ann an coloinidhean Bhreatainn ann an Ameireaga.

Dè a' bhuaidh a thug malairt nan tràillean air puirt ann am Breatainn?

Thug malairt nan tràillean beairteas mòr dha na puirt ann am Breatainn a bha an sàs ann.

Dh'fhàs iomadh mòr-bhaile eile beairteach air prothaidean ghnìomhachasan a bha an urra ri stuthan a rinn tràillean mar cotan, siùcar agus tombaca.

Dh'fhalbh mòran bhàtaichean le tràillean à puirt mar Bristol, Liverpool agus Glaschu gach bliadhna, agus thug iad sin soirbheachadh mòr dhan fheadhainn dham buineadh iad.

B' e 1792 a' bhliadhna a bu thrainge a bha malairt nan tràillean ann am Breatainn. Dh'fhàg 204 bàta Sasainn airson tràillean a thoirt à Afraga a dh'Ameireaga. Bha sin mu cheithir bàtaichean gach seachdain.

Alba agus gnìomhachas nan tràillean