Craoladh Gàidhlig
Mapa-inntinn: Dè na rudan nach eil a' còrdadh riut? Dè bu mhath leat fhaicinn air BBC ALBA?
Dè na rudan nach eil a' còrdadh riut? Dè bu mhath leat fhaicinn air BBC ALBA?
B' fheàrr leam gun robh barrachd phrògraman do dheugairean air BBC ALBA. Tha mi den bheachd gu bheil tòrr air do chlann òga le Dè a-nis?, cartùnaichean is prògraman spòrsail eile. Chan eil mise faicinn gu bheil mòran air do chlann a tha nas sine na sin, ach is dòcha Breab. Seo prògram a tha a' cur buidheann de dheugairean còmhla ann an taigh is a' toirt dùbhlan dhaibh gach seachdain, mar eisimpleir, ag obair mar neach-smàlaidh airson latha! Chòrdadh e rium nam biodh prògraman a bharrachd ann mu cheòl. Tha Rapal Tbh glè mhath, is tha còmhlain ùra an-còmhnaidh air ach uaireannan chan eil gu leòr ann mu chòmhlain a tha a' seinn sa Ghàidhlig. Bhiodh barrachd mun sin math.
Mapa-inntinn: Tarraing còmhla do bheachdan is thig gu co-dhùnadh
Tarraing còmhla do bheachdan is thig gu co-dhùnadh
Airson co-dhùnadh tha mise a' smaoineachadh gur e fìor dheagh rud a th' ann am BBC ALBA. Tha e cudromach dhan Ghàidhlig gu bheil a leithid de sheirbheis ri fhaighinn. Chòrdadh e rium a-nis nan tigeadh BBC ALBA timcheall gach sgoil, no gum bruidhneadh iad ri deugairean ann an dòigh air choireigin, gus ar beachdan fhaighinn mu phrògraman a bhiodh freagarrach dhuinn. Tha na th' aig BBC ALBA glè mhath, ach tha cothrom ann fada a bharrachd a thabhann do dheugairean.