Craoladh Gàidhlig
Mapa-inntinn: Dè na prògraman a tha a' còrdadh riut?
Dè na prògraman a tha a' còrdadh riut?
Tha an siabann Aifric a' còrdadh rium glè mhath. Tha am prògram seo ga chlàradh ann an Èireann is tha e air a stèidheachadh air beatha tè òg. Tha i mun aois agamsa is tha sinn a' faicinn dè tha dol na saoghal: a beatha, a teaghlach, a caraidean, gaol, trioblaidean a th' aice is eile. Tha am prògram Aifric a' feuchainn ri bhith coltach ri Neighbours tha mi a' creidsinn. Is toil leamsa Aifric oir tha e inntinneach prògram fhaicinn a tha ga chlàradh ann an Gàidhlig na h-Èireann.
Mapa-inntinn: Mìnich do bheachdan, me do bheachd air na preseantairean is eile
Mìnich do bheachdan, me do bheachd air na preseantairean is eile
Bu mhath leamsa obair fhaighinn ann an saoghal an fhasain nuair a bhios mi nas sine, 's ann air an adhbhar sin a bhios mi a' coimhead Grinn nuair a tha e air an TBh. Is toil leamsa a bhith a' coimhead Grinn oir tha e inntinneach is spòrsail. Anns gach prògram bidh dithis, Donna is Lynda, a' cuideachadh feadhainn a tha mì-chinnteach mu an coltas, mar eisimpleir, dè seòrsa aodaich a tha freagarrach dhaibh, maise-gnùis a nì diofar ri an coltas, is eile. Tha iad glè bheothail agus tha iad an-còmhnaidh gu math snog ri gach neach a ghabhas pàirt. Bidh iad an toiseach a' coimhead air dè an t-aodach a bhios an neach a' cur orra an-còmhnaidh, mar eisimpleir, bidh cuid dhiubh "beò" ann an jeans is geansaidhean. Bidh sgioba Grinn an uair sin a' toirt orra stoidhle ùr is diofraichte fheuchainn. Mar as trice bidh an fheadhainn a tha a' gabhail pàirt a' coimhead glè thoilichte aig deireadh gach prògram - agus cus nas fheàrr nam bheachd-sa!
Ceist: An còrdadh e riut fhèin a dhol air prògram Grinn?
Chòrdadh gu dearbha! Chan eil cus airgead agamsa uair sam bith is chòrdadh e rium nan innseadh Donna dhomh dè bu chòir dhomh a cheannach gus an t-aodach a th' agam mu thràth a bheothachadh no a dhèanamh nas fhasanta.
Ceist: Dè nan iarradh iad ort rudeigin a chuir ort nach robh a còrdadh riut?
Hmm, tha mi a' creidsinn gum feuchainn orm e. Mar a thuirt mi, chòrdadh obair ann am fasan rium, dh'fheumainn earbsa a chuir ann an Donna, tha ise eòlach air saoghal an fhasain. Tha mi cinnteach gun taghadh i rudeigin freagarrach agus co-dhiù, chan eil mi airson a bhith a' coimhead dìreach mar a h-uile neach eile mun cuairt orm!