Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Craoladh GàidhligCraoladh Gàidhlig

Son conaltradh èifeachdach feumar beachdan soilleir, briathrachas freagarrach is beairteas de dh'abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Seo cothrom sgilean còmhraidh a leasachadh.

Part ofGàidhligCòmhradh

Craoladh Gàidhlig

Mapa-inntinn: Beagan eachdraidh

Feasgar math. Is mise Eilidh NicLeòid agus an-diugh tha mi gu bhith a' toirt seachad mo bheachd air BBC ALBA is mi a' beachdachadh air ceist a bhuail orm iomadh uair sa bhliadhna a chaidh seachad, is e sin, "A bheil BBC ALBA a' tabhann gu leòr do dheugairean?"

Thòisich BBC ALBA a' craoladh phrògraman air seanail ùr ann an dà mhìle 's a h-ochd. Is e fìor dheagh cheum air adhart a bh' ann. Roimhe seo bha iomadh prògram ri fhaicinn tron t-seachdain ach bha iad gu tric air ro anmoch air an oidhche do dhaoine an coimhead, gu h-àraidh airson deugairean m' aois-sa! A-nis, chithear prògraman aig uair a tha freagarrach is dòigheil. Gheibh thu fiù 's coimhead air prògraman a-rithist air-loidhne air BBC iPlayer.

Ceist: Am bi thu fhèin a' coimhead phrògraman a-rithist air-loidhne tric Eilidh?

Cha bhi mi gan coimhead gach seachdain, is dòcha uair no dhà sa mhìos. Cha toigh leam a bhith a' call Aifric ach 's e prògram mu eachdraidh-beatha tè a tha glè ainmeil a thaobh fasan air an do choimhead mi mu dheireadh. Bha sin inntinneach oir tha i seo glè ainmeil air feadh an t-saoghail airson na rudan brèagha a bhios i a' dèanamh. Cha robh mi airson sin a chall!

Mapa-inntinn: Dè seòrsa prògraman a chithear air BBC ALBA san fharsaingeachd?

Dè seòrsa prògraman a chithear air BBC ALBA san fharsaingeachd?

Tha iomadh seòrsa prògram ri fhaicinn air BBC ALBA. Bha riamh prògraman air an telebhisean mu naidheachdan an t-saoghail, eachdraidh agus ceòl. Tha iad sin fhathast rim faicinn, ach a-nis gheibhear tòrr a bharrachd: prògraman spòrs mu bhall-coise, iomain no fiù 's seòladh, mar eisimpleir. Ma tha ùidh agad ann a bhith a' rèiseadh chàraichean, còcaireachd, coin-chaorach, trioblaidean phearsanta is eachdraidh-beatha, tha gu leòr ri fhaicinn.

More guides on this topic