Tachartasan rè na cùis-èiginn
13 Lùnastal 1961
Dhùin poilis agus saighdearan na Gearmailt an Ear na crìochan a bu mhotha a bh' air an cleachdadh le uèir bhiorach.
17 Lùnastal 1961
Thòisich na saighdearan Sòbhieteach air balla concrait a chur an àite na uèir. Cha b' e a-mhàin gun robh e a' dol tro mheadhan Bherlin, ach bha e a' dol timcheall air Berlin an Iar agus ga ghearradh dheth bhon Ghearmailt an Ear.

Bha Balla Bherlin mu dheireadh mar dhaingneachd làidir le tùir-fhaire, coin-gheàird, innealan a dheigheadh an aghaidh thancaichean, dìgean, uèir bhiorach, solais chumhachdach agus raoin-mhèinnean gus nach faigheadh daoine teiche. Cha robh ach aon dòigh laghail air a dhol thairis air a' chrìch agus b' e sin tro na h-ionadan-dearbhaidh.
Aithisg naidheachdan a' BhBC air togail a' bhalla
Buaidh na cùis-èiginn

B' urrainn do Riaghaltas na Gearmailt an Ear stad a chur air daoine fàgail. Bha am Balla air a chleachdadh mar phrìosan, a' cumail smachd air daoine a bhuineadh do na riaghaltasan Comannach. Thathar a' meas gun do chaochail còrr is 260 neach agus iad a' feuchainn ri teiche.
Na rinn an Taobh an Iar
Chuir ceannardan an taoibh an Iar an aghaidh seo, ach cha robh mòran ann a b' urrainn dhaibh a dhèanamh. Ann an 1963, thadhail an Ceann-suidhe Kennedy air Berlin airson a ràdh ri muinntir Bherlin nach cuireadh Ameireaga cùl riutha.
Bha am Balla ann gu 1989.