An Cogadh Fuar an dèidh bàs Stalin
An dèidh an Dara Cogadh Mòr, ghabh riaghaltasan Comannach smachd air dùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear. Bha duilgheadasan san Roinn Eòrpa an Ear fad nan 1950an agus toiseach nan 1960an. Sgaoil an Cogadh Fuar fiù 's dhan Charibbean.
A' gabhail smachd air an Roinn Eòrpa an Ear
Ar-a-mach san Ungair (1956)
Bha An Ungair am measg dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear agus bha i na ball de dh'Aonta Warsaw.
Adhbharan airson an ar-a-mach
- Bha an USSR a' faicinn na Roinn Eòrpa an Ear mar Shòn Bufair de dhùthchannan a dhìonadh an USSR bho ionnsaigh a dh'fhaodadh tighinn bhon Iar.
- Nuair a chaidh Aonta Warsaw a stèidheachadh, bha poileasaidh cèin na h-Ungair fo smachd an USSR.
- Rinn Khrushchev, an ceannard Sòbhieteach, 'Òraid Dhìomhair' sa Ghearran 1956 agus chàin e Stalin, an ceannard Sòbhieteach roimhe. Bhrosnaich sin An Ungair gu bhith a' faighinn cuidhteas nan ceannardan aca a bha air taobh Stalin.
- Bha biadh agus connadh gann san Ungair ann an 1956.

Chaidh ìomhaigh Stalin a leagail rè Ar-a-mach na h-Ungaire
Tachartasan rè an ar-a-mach
| Deit | Tachartas |
| 23 Dàmhair 1956 | Bha oileanaich is luchd-obrach a' togail fianais ann am Budapest agus iad ag iarraidh deamocrasaidh, saorsa bhon USSR agus saorsa cainnte. Chaidh buill dhen AVO (poilis dhìomhair) a mharbhadh, ìomhaighean Sòbhieteach a leagail agus ionnsaigh a thoirt air comannaich. |
| 24 Dàmhair 1956 | Chaidh tancaichean agus saighdearan Sòbhieteach a-steach a Bhudapest. Chaidh 12 Ungarach a mharbhadh agus barrachd a leòn. Chaidh Imre Nagy, ceannard nach robh buileach cho daingeann, a chur an àite Gero mar Phrìomh Mhinistear. |
| 28 Dàmhair 1956 | Chaidh tancaichean Sòbhieteach a tharraing a-mach à Budapest. Bha dùbhlanaich fhathast airson faighinn cuidhteas a' Phàrtaidh Chomannaich agus Aonta Warsaw fhàgail. |
| 1 Samhain 1956 | Thuirt Nagy gun cumadh An Ungair taghaidhean deamocratach agus gum fàgadh iad Aonta Warsaw. |
| 4 Samhain 1956 | Chuir Khrushchev an t-Arm Dearg air ais dhan Ungair agus a Bhudapest. Bha saoranaich Ungarach a' sabaid ri saighdearan Sòbhieteach ann am Budapest. |
| Deit | 23 Dàmhair 1956 |
|---|---|
| Tachartas | Bha oileanaich is luchd-obrach a' togail fianais ann am Budapest agus iad ag iarraidh deamocrasaidh, saorsa bhon USSR agus saorsa cainnte. Chaidh buill dhen AVO (poilis dhìomhair) a mharbhadh, ìomhaighean Sòbhieteach a leagail agus ionnsaigh a thoirt air comannaich. |
| Deit | 24 Dàmhair 1956 |
|---|---|
| Tachartas | Chaidh tancaichean agus saighdearan Sòbhieteach a-steach a Bhudapest. Chaidh 12 Ungarach a mharbhadh agus barrachd a leòn. Chaidh Imre Nagy, ceannard nach robh buileach cho daingeann, a chur an àite Gero mar Phrìomh Mhinistear. |
| Deit | 28 Dàmhair 1956 |
|---|---|
| Tachartas | Chaidh tancaichean Sòbhieteach a tharraing a-mach à Budapest. Bha dùbhlanaich fhathast airson faighinn cuidhteas a' Phàrtaidh Chomannaich agus Aonta Warsaw fhàgail. |
| Deit | 1 Samhain 1956 |
|---|---|
| Tachartas | Thuirt Nagy gun cumadh An Ungair taghaidhean deamocratach agus gum fàgadh iad Aonta Warsaw. |
| Deit | 4 Samhain 1956 |
|---|---|
| Tachartas | Chuir Khrushchev an t-Arm Dearg air ais dhan Ungair agus a Bhudapest. Bha saoranaich Ungarach a' sabaid ri saighdearan Sòbhieteach ann am Budapest. |

Saighdearan-saorsa air tanca ann am Budapest le samhla an ar-a-mach, bratach na h-Ungaire gun Shuaicheantas
Buaidh an ar-a-mach
- Chaidh mu 3,000 Ungarach a mharbhadh.
- Theich mu 200,000 a-null thairis nam fògarraich.
- B' fheudar do Nagy a dhreuchd a leigeil dheth agus dh'fheuch e ri teiche a Iùgoslabhia. Chuir an USSR Kadar na àite.
- Chaidh Nagy a ghlacadh agus a chur gu bàs.