Co-fhreagradh eadar dà phàirt
Thug neach-dealbhaidh seachad na tomhasan aig dà phàirt (\(A\) agus \(B\)) de fhòn-làimhe a bha ri cheangal.
Tha an earrann ceangail aig Pàirt A air a dhealbh airson a bhith \(13\,mm\) a leud. Tha an earrann ceangail aig Pàirt B air a dhealbh airson a bhith \(12.5\,mm\) agus fiotadh ann am Pàirt A.
Tha pròiseas dèanaimh Pàirt A a' gealltainn gum bi an earrann ceangail 13 ± 0.2 mm.
Chan urrainn pròiseas dèanaimh Pàirt B gealltainn ach gum bi an earrann ceangail 12.5 ± 0.4 mm.
Tha seo a' togail ceist mu cho-fhreagradh.
Tha an raon de leud comasach airson a' cheangail aig Pàirt A bho \(13.2\,mm\) sìos gu \(12.8\,mm\).
Tha an raon de leud comasach airson a' cheangail aig Pàirt B bho \(12.9\,mm\) sìos gu \(12.1\,mm\).
Dh'fhaodadh gum bi Pàirt B an aon mheud ri Pàirt A, no fiù 's nas motha, aig a' phuing ceangail agus nach fiot e na bhroinn.
Mar sin, chan e dealbhadh a tha seo a dh'obraicheas dha-rìribh oir uaireannan chan obraich e nuair a bhios e a' dol na chèile.
Bhiodh feum air modail dealbhaidh ùr a fhreagradh air a' phròiseas dèanaimh.
Question
Seo an stiùireadh dealbhaidh airson leud dà phàirt ceangail:
- Pàirt G \(45.6\,mm\)
- Pàirt H \(44.7\,mm\)
Feumaidh Pàirt H fiotadh ann am Pàirt G
Tha pròiseas dèanaimh Pàirt G a' gealltainn leud de \(45.6 + 0.4\,mm\).
Tha pròiseas dèanaimh Pàirt H a' gealltainn leud de \(44.8 + 0.3\,mm\).
Thoir beachd air co-fhreagradh nam pàirtean seo a rèir an fhiosrachaidh a th' againn.
Tha an raon de leud comasach aig Pàirt G bho \(46.0\,mm\) sìos gu \(45.2\,mm\).
Tha an raon de leud comasach aig Pàirt H bho \(45.1\,mm\) sìos gu \(44.5\,mm\).
Bidh Pàirt H daonnan air a dhèanamh nas lugha na Pàirt G mar a bhios feum air.
Stèidhichte air an fhiosrachadh seo, bidh an dà phàirt co-fhreagarrach.
Question
Seo an stiùireadh dealbhaidh airson leud dà phàirt ceangail:
- Pàirt S \(37.6\,mm\)
- Pàirt T \(37.2\,mm\)
Feumaidh Pàirt T fiotadh ann am Pàirt S
Tha pròiseas dèanaimh Pàirt S a' gealltainn leud de \(37.6 ± 0.3\,mm\).
Tha pròiseas dèanaimh Pàirt T a' gealltainn leud de \(37.2 ± 0.2\,mm\).
Thoir beachd air co-fhreagradh nam pàirtean seo a rèir an fhiosrachaidh a th' againn.
Tha an raon de leud comasach aig Pàirt S bho \(37.9\,mm\) sìos gu \(37.3\,mm\).
Tha an raon de leud comasach aig Pàirt T bho \(37.4\,mm\) sìos gu \(37.0\,mm\).
Dh'fhaodadh gum bi Pàirt T an aon mheud ri Pàirt S, no fiù 's nas motha, agus nach fiot e na bhroinn.
'S dòcha nach bi an dà phàirt co-fhreagarrach.