Cuspair sgrùdaidh air dùthaich fo leasachadh
Mailèiria: far a bheil e
Gheibhear mailèiria mar as trice eadar Tropaig Chansar aig Tuath agus Tropaig Chapricorn aig Deas. Tha grunn adhbharan fiosaigeach ann a tha a' cur ri sgaoileadh mailèiria air feadh an t-saoghail.
Mailèiria
Adhbharan airson mailèiria
Buaidh mailèiria
Fiosaigeach
- Feumaidh an teòthachd a bhith eadar 15-40°C le sileadh mòr – tha na tropaigean mar sin a' freagairt air.
- Ma bhios am moscìoto anopheles boireann an làthair.
- Taiseachd de 60%+.
- Uisge tàmh, me feumar loch no pollag airson larbhae a bhreith.
- Àite le fàsmhorachd a bheir fasgadh airson fuil a chnàmh.
Daonna
- Bidh taighean a' cruthachadh àitichean le dubhar far am faigh moscìotothan tàmh.
- Tha siubhal adhair a' sìor dhol am meud – 'mailèiria port-adhair'.
- Tha àireamh-sluaigh mhòr ann an tuineachaidhean airson biadh de dh'fhuil.
- Slàintealachd thruagh ann am bailtean-bhothan.
- Àitichean le uisge tàmh air an adhbhrarachadh le daoine, me achannan rus.
Bidh mailèiria a' sgaoileadh nuair a bhìdeas am moscìoto anopheles boireann cuideigin agus a thèid an dìosganach a shiostam-fala dhaoine agus a ghlacas iad mailèiria. Faodaidh moscìotothan cuideachd an dìosganach a thogail bho dhuine air a bheil an tinneas agus sgaoilidh an tinneas nuair a bhìdeas iad cuideigin eile.
Buaidh mailèiria
Tha mòran chloinne fo aois 5 a' bàsachadh le mailèiria. Chan eil inbhich le mailèiria làidir gu leòr airson obair a dhèanamh agus tha sin a' ciallachadh nach eil uiread de dh'obair a' dol air adhart no nach urrainn do dhaoine biadh gu leòr a dhèanamh dha na teaghlaichean aca. Mar sin tha iad a' fuireach bochd, chan eil mòran aca a dh'itheas iad agus tha iad buailteach do ghalaran. Tha am beagan ghoireasan a tha aig dùthaich air an cleachdadh air cùram slàinte seach air foghlam no seirbheisean nas fheàrr agus tha sin a' cur bacadh air leasachadh. 'S dòcha nach bi luchd-turais cho buailteach a dhol a dhùthaich sa bheil mailèiria agus mar sin cha bhi uiread de theachd-a-steach aig an dùthaich.
Ro-innleachdan airson mailèiria a mhanaidseadh
A' cur bacadh air mailèiria
Tha leasachadh banachdaich a bhiodh na leighis do mhailèiria fhathast aig ìre thràth agus mar sin, 's ann air bacadh a' ghalair as motha a thathar a' bualadh. Bidh a' chuid as motha de dhòighean an dara cuid a' bualadh air dèiligeadh ris an euslainteach no ris a' mhoscìoto.
A' dèiligeadh ris an euslainteach
- Drogaichean, me Chloroquine.
- Bacadh bhiastagan, me Autan (DEET).
- Foghlam, me gàirdeanan agus casan air an còmhdach nuair a thig an oidhche agus a' seachnadh aodach dorcha gus nach tèid do bhìdeadh.
- Lìn-moscìoto sa bheil puinnsean phlàighean.
A' dèiligeadh ris a' mhoscìoto
- Puinnsean, me Malathion agus DDT.
- A' drèanadh àitichean gintinn.
- A' glanadh a-mach dhamaichean le uisge.
- Innleadaireachd ghinteil gus moscìotothan fireann a dhèanamh neo-thorrach.
- A' cur chraobhan eucalyptus airson taiseachd a shùghadh.
- Iasg a dh'itheas larbhae, me gupaidhean/breac-beadaidh eabair.
- Sìol mustaird ann am pollagan gus larbhae a tharraing sìos on uachdar agus am bàthadh.
- Bidh cnothan-còco BTI a' cur às do lìnigeadh stamaig ann an larbhae.
Chuir buidhnean mar Buidheann Slàinte na Cruinne (WHO) iomairtean air dòigh airson cur às do mhailèiria le stuthan-marbhaidh agus drogaichean. Bidh iad cuideachd a' dèanamh rannsachadh airson dòighean a lorg air mailèiria a leigheas agus a bhacadh.
Bidh buidhnean cobhair, leithid an Red Cross a' toirt cùram èiginneach, meidigeach (cobhair geàrr-ùine) agus a' cuideachadh le trèanadh agus foghlam ann am prìomh chùram slàinte gus piseach a thoirt air slàinte san fharsaingeachd ann an sgìrean sa bheil mailèiria (cobhair fad-ùine).
Chaidh Stèidheachd Bill agus Melinda Gates a chuir air bhonn le fear-stèidheachaidh Microsoft, Bill Gates, agus a bhean airson maoineachadh a thoirt gus leigheas a lorg do mhailèiria.
Buaidh nan ro-innleachdan
- Drogaichean – Daor, agus tha dìosganaich a' fàs cleachdte riutha agus gan dìon fhèin.
- Puinnsean – Daor, bidh Malathion a' fàgail làraich bhuidhe agus tha fàileadh mì-chàilear dheth, dh'fhaodadh e an àrainneachd a thruailleadh.
- A' drèanadh àitichean gintinn – Chan eil e practaigeach, a' lìonadh a-rithist nuair a bhios an t-uisge ann, chan urrainn dhut a h-uile àite briodachaidh a dhrèanadh. (Chan fheum moscìotothan ach pollag/tiona le uisge ann airson briodachadh.
- A' glanadh a-mach dhamaichean le uisge – A' dol an aghaidh obair dama, sin a bhith a' stòradh uisge. (Dh'fhaodadh uisge a bhith gann).
- A' cur chraobhan eucalyptus – Math airson uisge a shùghadh, ach dh'fhaodadh iad uisge a shùghadh a tha talamh tuathanais a' feumachdainn.
- Iasg a dh'itheas larbhae – Chan urrainnn dhaibh na larbhae gu lèir ithe, ach tha iad a' toirt seachad pròtain.
- Sìol mustaird – Tha feum air an uabhas dheth agus tha sin daor, ach tha iad math dhan àrainneachd.
- Cnothan-còco le BTI – A' cumail smachd air phollagan suas ri 45 latha agus tha cnothan-còco saor agus pailt.
- Lìon moscìoto – Saor agus èifeachdach.
- Foghlam – Èifeachdach, ach chan fheum thu ach aon mhoscìoto.