Cuspair sgrùdaidh air dùthaich leasaichte
Tinneas cridhe
Tinneas cridhe
Adhbharan air tinneas cridhe
'S e tinneas cridhe as motha a tha a' toirt bàs do dhaoine ann an dùthchannan leasaichte, beairteach agus tha e air adhbhrachadh le:
Droch dhaithead
- Ag ithe cus bìdh a tha làn saill shùghte a bhios a' caolachadh nan cuislean.
- Bidh biadh reamhar a' cur cuideam air daoine agus bidh sin a' cur barrachd strèan air a' chridhe.
Smocadh
- Bidh nicotain – am prìomh stuth ann an toitean – ag adhbhrachadh reat cridhe agus bruthadh fala nas motha.
- Mar sin tha feum air barrachd ogsaidean ach tha smocadh a' ciallachadh nach eil luchd-smocaidh a' faighinn uiread de dh'ogsaidean.
Dòigh-beatha/uallach
- Bidh uallach ag adhbhrachadh bruthadh fala nas motha agus bidh sin a' cur strèan air a' chridhe.
Adhbharan ginteil
- Tha cuid de dhaoine nas buailtiche do thinneas cridhe air sgàth ghinean bhom pàrantan.
- Mar eisimpleir: bruthadh fala àrd agus coileastaroil àrd.
Dìth eacarsaich
- Faodaidh seo toirt air daoine fàs ro thiugh agus cuiridh sin strèan air a' chridhe.
- A' cur suas bruthadh fala.
- A' cur suas ìrean coileastaroil.
Buaidh tinneas cridhe
Bidh tinneas cridhe ag ìsleachadh dùil-aoise ann an dùthaich, ach faodaidh atharrachadh a bhith eadar diofar sgìrean, me tha ìre tinneas cridhe ann an Glaschu cho àrd 's a tha san dùthaich agus tha an dùil-aoise nas ìsle air sgàth sin. Faodaidh tinneas cridhe cuideachd a bhith a' ciallachadh nach tèid aig daoine air obair agus faodaidh sin cuideam a chur air sochairean agus air seirbheisean taic. Mar sin bidh cosgaisean slàinte a' dol suas agus 's dòcha gum bi feum air barrachd leapannan ospadail agus bidh sin a' cur cuideam a bharrachd air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS). Faodaidh clann cuideachd tinneas cridhe fhaighinn ma tha e air am pàrantan.
Ro-innleachdan airson smachd fhaighinn air tinneas cridhe
'S e foghlam an dòigh as motha a th' air a chleachdadh airson feuchainn ri smachd fhaighinn air tinneas cridhe. Tha leigheas nas fheàrr airson an tinneis a' toirt cothrom nas fheàrr do dhaoine le tinneas cridhe.
Tha buidhnean carthannais mar am British Heart Foundation air cuideachadh ann a bhith a' cumail smachd air tinneas cridhe le bhith a' maoineachadh rannsachadh adhbharan an tinneis agus cuideachd dòighean ùra 's dòcha air dèiligeadh ris an tinneas. Bidh iad cuideachd a' cur air dòigh agus a' maoineachadh iomairtean gus daoine ionnsachadh mun tinneas. Bidh iad sin a' bualadh gu mòr air biadh nas fhallaine, sgur de smocadh, a' lùghdachadh ìre uallaich agus barrachd eacarsaich.
Bidh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte cuideachd a' feuchainn ri dèanamh cinnteach nach tig tinneas cridhe air daoine le bhith a' toirt deuchainnean slàinte cunbhalach do dhaoine airson gum faic iad comharran tràth air tinneas cridhe. Bidh iad cuideachd a' cur airgead ri teicneòlas ùr mar pacemakers, tar-chur cridhe, seach-shlighean agus a' cur bhailbhean fuadain an àite bhailbhean sa chridhe nach eil ag obrachadh ceart.

Èifeachdas nan ro-innleachdan
Tha fianais ann gu bheil deagh bhuaidh aig a' chuid as motha dhe na h-iomairtean sin.
Tha daoine a-nis a' gabhail biadh nas fhallaine
- Chan eil uiread de dh'ìm no de bhainne slàn gan gabhail.
- Tha daoine ag ithe barrachd mheasan is lusan.
Chan eil uiread a' smocadh
- Casg smocaidh.
- A' gearradh ceò bho dhaoine eile.
Làimhseachadh an tinneis nas adhartaiche
- Lannsaireachd cridhe.
- Drogaichean
- Goireasan fuadain nas fheàrr mar bhailbhean dhan chridhe.
Ach
- Chan eil daoine fhathast a' dèanamh eacarsaich gu leòr.
- Chan eil fianais ann gu bheil ìre uallaich a' dol sìos.