SlàinteCuspair sgrùdaidh air galar cruinneil

Seallaidh cuspairean sgrùdaidh adhbharan nan cùisean slàinte. Mìnichidh iad fàs, na buaidhean air an t-sluagh agus na ro-innleachdan an lùib a bhith a’ manaidseadh leasachadh is slàinte san 21mh linn.

Part ofCruinn-eòlasCùisean cruinneil

Cuspair sgrùdaidh air galar cruinneil

AIDS: far a bheil e

Tha AIDS (Acquired Immunodeficiency Syndrome) air adhbhrachadh leis a' bhìoras HIV a bhios a' milleadh siostam dìon na bodhaig. Air sgàth sin bidh duine uabhasach buailteach bhìoras a thogail agus seach nach eil dìon nàdarra aca, bheir e bàs dhaibh.

Tha cuideigin le AIDS, no air an robh AIDS, anns gach dùthaich air an t-saoghal. Ach chan eil sgaoileadh nan daoine le AIDS cothromach air feadh an t-saoghail oir tha còrr is 70% ann an Afraga. Fiù 's aig an sin tha a' mhòr-chuid ann an Afraga deas air a' chrios-meadhain agus tha a' chuid as motha dhiubh sin ann an Afraga a Deas.

% de sluagh na cruinne le AIDS
Figure caption,
Ìre sa cheud de shluagh na cruinne le AIDS

AIDS a' sgapadh ann an Africa

Sa chumantas, tha HIV/AIDS air a sgaoileadh tro fuil no lionntan bodhaig bho neach air a bheil a' ghalar. 'S iad na prìomh dhòighean air am faigh daoine HIV/AIDS:

  • luchd-cleachdaidh dhrogaichean a' cleachdadh shnàthadan a bh' aig daoine eile
  • feise gun dìon còmhla ri daoine leis a' ghalar
  • faodaidh galar a dhol bho mhàthair gu foetus nuair a tha a' mhàthair trom
  • tar-dhòrtadh fuil thruaillte
  • leanaban a' gabhail bainne bho bhroilleach boireannach leis a' ghalar
  • dìth cùram bacaidh, comhairle no ìocshlaint
  • dìth foghlaim air mar a gheibhear an galar

Buaidh AIDS

Ann an dùthaich leasaichte, glè thric gheibhear AIDS ann am buidhnean sònraichte leithid dhaoine a bhios a' gabhail dhrogaichean le snàthad. Faodaidh gum bi eagal air daoine òga gu h-àraidh a dhol am measg dhaoine no 's dòcha gum bi uallach orra mu chompanaich ùra. Faodaidh bàs, agus gu dearbh an naidheachd gun d' fhuair cuideigin a' bhìoras droch bhuaidh a thoirt air faireachdainnean chàirdean is theaghlaichean a bharrachd air an neach fhèin. Tha cosgais mhòr an lùib ìocshlaint dhan ghalar, me le drogaichean antiretroviral agus ann an cosgaisean rannsachaidh a ghabhadh a chleachdadh airson nithean eile.

Ann an dùthaich fo leasachadh tha cosgais ìocshlaint airson smachd a chumail air a' ghalar (chan eil leigheas ann fhathast) a' ciallachadh gum feum a' chuid as motha a bhith às aonais. Tha AIDS na ghalar a bhios a' sìor dhèanamh dhaoine lag. Mar sin, an ceann greis, cha tèid aig daoine air a bheil an galar air obair a dhèanamh, agus bidh sin a' lùghdachadh comas dèanaimh agus beairteis dùthcha. Faodaidh gun tèid bacadh air leasachadh agus bidh sin a' ciallachadh nach bi uiread de dh'obair no de bheairteas ann an dùthaich. Thèid an reat bàis suas agus thèid an dùil-aoise sìos. Ann an àitichean mar Afraga a Deas no Uganda far am bi AIDS a' nochdadh tric, faodaidh clann a bhith air am fàgail gun phàrantan agus air an togail le seana-phàrantan, agus 's dòcha nach bi sgeul air duine san àireamh-sluaigh ann am meadhan-aois ann an coimhearsnachdan. 'S dòcha cuideachd gum bi call ann an teachd-a-steach bho thurasachd ma tha fios gu bheil duilgheadasan sònraichte ann an sgìre.

Ro-innleachdan airson manaidseadh AIDS

Chan eil leigheas ann fhathast airson AIDS agus mar sin tha a' chuid as motha dhen oidhirp a' bualadh air bacadh. An lùib sin tha prògraman foghlam slàinte a tha a' toirt comhairle air a' chunnart co-cheangailte ri feise gun dìon agus cleachdadh shnàthadan a bh' aig daoine eile. Tha seo a' gabhail a-steach sanasachd air TBh agus rèidio oir faodaidh nach bi comas leughaidh no sgrìobhaidh aig daoine sna sgìrean leis a' ghalar. Chaidh sgaoileadh chondoman an-asgaidh a chuir air bhonn gus daoine a chuideachadh a thaobh feise shàbhailte.

Tha mothachadh mu AIDS mar Latha Cruinneil Aids aig UNAIDS air a chleachdadh airson cuideam a chur air cunnartan agus adhbharan AIDS. Tha deuchainnean èigneanta airson AIDS cuideachd air an cleachdadh gus daoine leis a' ghalar a lorg.

Chaidh tòiseachadh air pròiseactan mòra mar iomairt chruinneil AIDS agus iomairtean nàiseanta, me ann an Afraga a Deas airson feuchainn ri drogaichean mar ARV (antiretrovirals) a thoirt seachad, a bharrachd air a bhith a' toirt seachad chondoman an-asgaidh do choimhearsnachdan cuide ris na prògraman foghlaim. Tha maoineachadh a bharrachd ann airson strì ris a' ghalar bho leithid Banca na Cruinne. Thèid pàirt dhen sin a chur ri rannsachadh airson feuchainn ri banachdach AIDS a chruthachadh.

Clann-sgoile Innseanach aig ralaidh air Latha Cruinneil AIDS ann am Mumbai
Image caption,
Clann-sgoile Innseanach aig ralaidh air Latha Cruinneil AIDS ann am Mumbai

Ann an dùthchannan leasaichte tha prògraman le leigheas dhrogaichean a' cuideachadh gu bhith a' cumail smachd air a' ghalar agus a' toirt beatha nas fhaide do dhaoine a tha a' fulang le AIDS. Cuideachd, tha fuil air a sgrùdadh mus tèid a cleachdadh ann an tar-dhòrtadh agus tha snàthadan caitheadail gan cleachdadh ann an ospadail. Tha e cuideachd cudromach gum bi cothrom aig daoine air deuchainnean airson 's gum bi fios aca a bheil an galar orra agus gun dèan iad na dh'fheumas iad gus nach sgaoil e.

Èifeachdas ro-innleachdan

Ged a chaidh barrachd maoineachaidh a chur ri rannsachadh AIDS, chan eil gu leòr ann fhathast agus cha deach banachdach a lorg airson an galar a leigheas. Mar sin tha diofar mòr ann an èifeachdas nan dòighean a th' ann an-dràsta gus smachd a chumail air AIDS eadar dùthchannan leasaichte agus fo leasachadh le barrachd soirbheachaidh ann an dùthchannan leasaichte.

Dùthchannan leasaichte

  • Thèid aca air na drogaichean a th' ann a cheannach.
  • Thèid aca air pàigheadh airson rannsachadh agus drogaichean ùra fheuchainn.
  • Chaidh aig dùthchannan le deagh sheirbheisean slàinte air sgaoileadh a lùghdachadh.
  • Ach faodaidh droch sheach-bhuaidh a bhith aig leigheas le drogaichean.
  • Gu ruige seo chan eil ìocshlaint air a bhith uabhasach èifeachdach.

Dùthchannan fo leasachadh

  • Tha drogaichean rim faotainn ach chan eil luchd-obrach gu leòr air an trèanadh airson an toirt seachad, me Afraga a Deas.
  • Mòran sgìrean iomallach a tha doirbh faighinn thuca.
  • Tha mòran dhaoine aig nach eil fios gu bheil an galar orra agus tha sin a' toirt air sgaoileadh.
  • Tha tòrr mì-thuigse ann air mar a tha HIV a' sgaoileadh.
  • Reat breith àrd fiù 's am measg bhoireannach leis a' ghalar.
  • Goireasan deuchainn glè thric truagh.
  • Bidh cuid a' feuchainn ri deuchainn a sheachnadh.
  • Tha drogaichean nas ùire agus nas èifeachdaiche, no feadhainn le nas lugha de sheach-bhuaidhean, ro dhaor agus chan eil companaidhean dhrogaichean airson prìsean a thoirt sìos.
  • Chan eil comas leughaidh no sgrìobhaidh aig mòran dhen t-sluagh agus tha sin na dhuilgheadas do dh'iomairtean foghlaim.
  • Faodaidh cuideachd gu bheil mòran dhiofar dhual-chainntean is chànan ann.
  • 'S dòcha gu bheil prìomhachasan eile aig dùthchannan a thaobh cosg airgid.