Astar, luaths agus ùineA' lorg luaths ma tha fios air an astar is an ùine

Tha an co-aontar airson astar, luaths agus ùine a' leigeil dhuinn astar, luaths agus ùine obrachadh a-mach. Anns gach obrachadh dhiubh seo, bu chòir gum biodh na h-aonadan a' co-fhreagradh ri chèile.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Ag obrachadh a-mach luaths, ma tha fios agad air an astar agus an ùine

Feuch na ceistean seo:

Question

Shiubhail Ailean \(100\,km\) ann an \(\text{5 uairean a thìde}\). Obraich a-mach an luaths cunbhalach aige ann an \(km/u\).

Question

Obraich a-mach an luaths aig trèan a shiubhail \(243\,km\) ann an \(2\,uair\; 15\,mionaidean\).