Tha an co-aontar airson astar, luaths agus ùine a' leigeil dhuinn astar, luaths agus ùine obrachadh a-mach. Anns gach obrachadh dhiubh seo, bu chòir gum biodh na h-aonadan a' co-fhreagradh ri chèile.
Tha e cudromach nuair a bhios tu ag obrachadh a-mach nan ceistean seo gun cleachd thu na h-aon aonadan.
Ma tha an t-astar ann an cilemeatairean agus an ùine ann an uairean a thìde, bu chòir dhut an t-astar a thomhas ann an cilemeatairean san uair. Bidh seo air a sgrìobhadh mar km/u.
Tha an ath cheist a' sealltainn far am feum thu a bhith faiceallach le aonadan.
Question
Bidh Kelly a' ruith bho \(4.50\,f\) gu \(5.20\,f\) aig luaths cunbhalach de \(7\,km/u\). Dè an t-astar a ruith i?
\(4.50\,f - 5.20\,f = 30\,mionaid\)
Tha an luaths ann an \(km/u\), agus mar sin feumaidh sinn an ùine a thoirt ann an uairean a thìde.