Canaidh sinn bloighean ri obrachaidhean co-cheangailte ri bloigh de shùim, de chumadh no de nì. Le bloighean co-ionann thèid agad air cansaileadh chun an riochd as sìmplidhe.
Fiosrachadh beothaichte air eachdraidh bhloighean. Bidh na caractaran a' coimeas cleachdadh practaigeach bhloighean Èipheiteach, gus nithean a roinn len làmhan, ris na bloighean anabharr a bhios sinn a' cleachdadh ann an àrd-mhatamataig. (Tha na bhidiothan seo anns a' Beurla).
Fiosrachadh beothaichte air obair le bloighean. Tha companaidh leannan an Dotair Yvonne a' toirt bhloighean còmhla … agus a' cuideachadh nuair a sgaras iad.
Fiosrachadh beothaichte anns am bi bloighean ag iomadachadh gus bloighean beaga a dhèanamh, agus bloigh caran borb a bhios a' roinn àireamhan le sàbh mòr.
Tha partaidh aig Sanjeev Kohli. Tha reasabaidh aige do cheathrar, agus feumaidh e seo a mheudachadh gu bhith freagarrach do 20. Tha còcaire eile, Emili Fusaro, ga chuideachadh ag obrachadh a-mach nan stuthan agus gam measgachadh. Tha iomadh obrachadh an lùib seo agus tha bloighean agus co-mheasan ann am pàirt dheth.