Canaidh sinn bloighean ri obrachaidhean co-cheangailte ri bloigh de shùim, de chumadh no de nì. Le bloighean co-ionann thèid agad air cansaileadh chun an riochd as sìmplidhe.
Part ofMatamataigÀireamhachd
Faodaidh bloigh a bhith sgrìobhte ann an diofar dhòighean ach fhathast a bhith a' ciallachadh an aon rud. Canar bloighean co-ionann riutha sin.
Coimhead air na pàirtean dorcha sna ceart-cheàrnaich seo.
Mar sin tha \(\frac{3}{5} = \frac{6}{{10}}\)
Thèid agad air mòran bhloighean co-ionann a dhèanamh le bhith ag iomadachadh no a' roinn a' mhullaich agus a' bhuinn leis an aon àireimh.
Ma thèid iarraidh ort àireamh a lorg, cuimhnich gum feum am mullach agus am bonn a bhith air iomadachadh no air a roinn leis an aon àireimh.
Dè an àireamh a tha a dhìth? \(\frac{4}{5} = \frac{?}{{15}}\)
An seo, tha am bonn air iomadachadh le \(3\), agus mar sin feumaidh tu am mullach iomadachadh le \(3\).
\(\frac{4}{5} = \frac{{12}}{{15}}\)