BloigheanA' cansaileadh bhloighean

Canaidh sinn bloighean ri obrachaidhean co-cheangailte ri bloigh de shùim, de chumadh no de nì. Le bloighean co-ionann thèid agad air cansaileadh chun an riochd as sìmplidhe.

Part ofMatamataigÀireamhachd

A' cansaileadh bhloighean

Uaireannan thèid agad air mullach agus bonn bloigh a roinn leis an aon àireimh. Canar cansaileadh ris a seo.

Canar cuideachd sìmpleachadh a' bhloigh ris. Bidh agad glè thric ri bloigh a sgrìobhadh san riochd as sìmplidhe aige.

Tha seo a' ciallachadh gum feum thu a chansaileadh sìos chun na h-ìre nach gabh a chansaileadh sìos tuilleadh.

Question

Sgrìobh am bloigh seo san riochd as sìmplidhe aige: \(\frac{{12}}{{16}}\)