Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Eisimplearan de chòmhradhLabhairt

Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.

Part ofGàidhligLabhairt

Labhairt

Eisimpleir de mheasadh labhairt a dhà

Seo pàirt de labhairt aig Ìre Nàiseanta 4 a bha eadar sgoilear, Màiri, agus tidsear.

'S e an cuspair a tha aig an sgoilear: "Tha ceòl cudromach."

Pàirt de òraid: Tha ceòl cudromach – Pàirt 1

Earrann-obrach A

Tha thu air èisteachd ri Màiri a' toirt seachad òraid. Seo na bha air iarraidh oirre.

  • Gun cumadh i ris a' chuspair.
  • Gum biodh deagh structar aice.
  • Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aice.
  • Gum biodh a beachdan air a' chuspair soilleir agus gum biodh adhbharan aice air an son.
  • Gum biodh briathrachas freagarrach aice.
  • Nach cleachdadh i na h-aon abairtean a-rithist 's a-rithist ach gun cleachdadh i diofar dhòighean air rud a ràdh.
  • Gun deigheadh a tuigsinn gu furasta.
  • Gun atharraicheadh i a ghuth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh i a' bruidhinn gus am bhiodh na bha i ag ràdh air a neartachadh.

Dè cho math 's a chaidh aig Màiri air na rudan sin a choileanadh?

Èist ris an òraid a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.

Ceistean

Question

  1. An do chùm i ris a' chuspair?
  2. An robh deagh structar aice?
  3. An robh beachdan ùra agus inntinneach aice?
  4. An robh a beachdan soilleir agus an robh adhbharan aice air an son?
  5. An robh briathrachas freagarrach aice?
  6. An do chleachd i diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
  7. An deach a tuigsinn gu furasta?
  8. An do dh'atharraich i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh i a' bruidhinn gu h-èifeachdach?