Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Eisimplearan de chòmhradhLabhairt

Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.

Part ofGàidhligLabhairt

Labhairt

Eisimpleir de mheasadh labhairt a h-aon

Seo pàirt de mheasadh labhairt aig Ìre Nàiseanta 4 eadar sgoilear, Alasdair, agus an tidsear aige.

'S e an cuspair a tha aig Alasdair: "Chan eil goireasan cur-seachad gu leòr san sgìre agam fhèin."

Pàirt de chòmhradh: Chan eil goireasan cur-seachad gu leòr san sgìre agam fhèin – Pàirt 1

Earrann-obrach A

Tha thu air èisteachd ri Alasdair a' toirt seachad òraid. Seo na bha air iarraidh air Alasdair:

  • Gun cumadh e ris a' chuspair.
  • Gum biodh deagh structar aige.
  • Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aige.
  • Gum biodh a bheachdan air a' chuspair soilleir agus gum biodh adhbharan aige air an son.
  • Gum biodh briathrachas freagarrach aige.
  • Nach cleachdadh e na h-aon abairtean a-rithist 's a-rithist ach gun cleachdadh e diofar dhòighean air rud a ràdh.
  • Gun deigheadh a thuigsinn gu furasta.
  • Gun atharraicheadh e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh e a' bruidhinn gus am bhiodh na bha e ag ràdh air a neartachadh.

Dè cho math 's a chaidh aig Alasdair air na rudan sin a choileanadh?

Èist ris an òraid a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.

Ceistean

Question

  1. An do chùm e ris a' chuspair?
  2. An robh deagh structar aige?
  3. An robh beachdan ùra agus inntinneach aige?
  4. An robh a bheachdan soilleir agus an robh adhbharan aige air an son?
  5. An robh briathrachas freagarrach aige?
  6. An do chleachd e diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
  7. An deach a thuigsinn gu furasta?
  8. An do dh'atharraich e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh e a' bruidhinn gu h-èifeachdach?