Clàr sionoptaig
Eisimpleir de cheist
Question
Coimhead air a' chlàr shionoptaig agus inns dè an seòrsa sìde a dh'fhaodadh a bhith ann an Glaschu (G) agus ann an Lyon (L).
Clàr sionoptaig airson 14 Samhain 2010 a' toirt cunntas air an t-sìde
Tha an aon chlàr gu h-ìosal le sanasan airson do chuideachadh a' freagairt.
Clàr sionoptaig a' sealltainn aghaidh bhlàth, aghaidh dhùinte, aghaidh fhuar agus loidhneachan-bruthaidh
Ann an Glaschu bidh greisean ann de dh'uisge mòr le beagan turaidh eatarra. Bidh a' ghaoth mòr agus bhon iar-dheas.
Ann an Lyon bidh an t-sìde blàth, grianach agus an t-adhar soilleir, ciùin. Bidh an teòthachd ìosal agus 's dòcha gum bi reothadh ann. Bidh oiteag ghaoithe ann bhon ear.