Cearcaill sìde
Cearcall sìde agus clàr
Glè thric bidh cearcaill sìde air clàran sionoptaig. Feumaidh fios a bhith agad mar a chleachdas tu na cearcaill sin gus cunntas a thoirt air an t-sìde ann an àite sam bith.
Cearcaill sìde
Thoir sùil mhath air a' chearcall sìde agus air a' chlàr agus feuch gum bi fios agad mu na samhlan agus na tha iad a' ciallachadh.
Clàr sìde
Question
Coimhead air an dà dhiagram agus mìnich gu mionaideach na h-eadar-dhealachaidhean eadar an t-sìde ann an Lèiruig agus ann an Land's End aig an àm sin.
Cearcaill sìde airson 5 Faoilleach 2010
Lèiruig - uisge, teòthachd ìosal (6°C), sgòthan san adhar (4 ochdamhan), le gaoth mhòr (40 mìle-mara) on iar.
Land's End - smugraich uisge, teòthachdan nas blàithe (12°C), sgòthan san adhar (8 ochdamhan) agus a' ghaoth nas lugha (15 mìle-mara) on iar-dheas.