In-imrich a dh’AlbaBuaidh na h-Ìmpireachd air Alba

Dè th’ ann an adhbhar putaidh? Dè th’ ann an adhbhar tarraing? Tha an earrann seo a’ coimhead ri na ceistean sin is an ceangal ri in-imrich a dh’Alba aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn.

Part ofEachdraidhImrich agus ìompaireachd

Buaidh na h-Ìmpireachd air Alba

Buaidh shòisealta

Dì-dhaonnachadh

Bho mheadhan nan 1800an, bha an àireamh-sluaigh ann an Alba air a bhith a' tuiteam gu cunbhalach agus bha an àireamh in-imrich dhan dùthaich na b' ìsle na an àireamh a bha a' fàgail.

Bailteachadh

Dh'fhàs na bailtean nuair a bha daoine a' gluasad à sgìrean dùthchail agus bho dhùthchannan eile a Mheadhan Alba agus iad a' lorg obair ann am factaraidhean.

Thug sin droch bhuaidh air staid beatha dhaoine agus dh'adhbharaich e co-fharpais airson obraichean.

Thàinig cus dhaoine ann am bailtean Alba gu bhith na dhuilgheadas mòr.

A' Chiad Chogadh Mòr

Bha na h-Èireannaich agus na Canèidianaich a' sabaid còmhla ris na h-Albannaich sa Chiad Chogadh Mòr agus thàinig iomadh duine gu bhith càirdeil dha chèile.

Bha pàirt mòr aig Innseanaich agus aig Astràilianaich air mar a fhuaradh buaidh sa chogadh.