In-imrich a dh’AlbaPàtrain tuineachaidh

Dè th’ ann an adhbhar putaidh? Dè th’ ann an adhbhar tarraing? Tha an earrann seo a’ coimhead ri na ceistean sin is an ceangal ri in-imrich a dh’Alba aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn.

Part ofEachdraidhImrich agus ìompaireachd

Pàtrain tuineachaidh

In-imrich à Èirinn

Cia mheud?

BliadhnaAn àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an AlbaCeudachd dhen àireamh-sluaigh
1841126,3214.8%
1851207,3677.2%
1861204,0836.7%
1881218,7455.9%
1901205,0644.6%
1921159,0203.3%
1931124,2962.6%
Bliadhna1841
An àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an Alba126,321
Ceudachd dhen àireamh-sluaigh4.8%
Bliadhna1851
An àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an Alba207,367
Ceudachd dhen àireamh-sluaigh7.2%
Bliadhna1861
An àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an Alba204,083
Ceudachd dhen àireamh-sluaigh6.7%
Bliadhna1881
An àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an Alba218,745
Ceudachd dhen àireamh-sluaigh5.9%
Bliadhna1901
An àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an Alba205,064
Ceudachd dhen àireamh-sluaigh4.6%
Bliadhna1921
An àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an Alba159,020
Ceudachd dhen àireamh-sluaigh3.3%
Bliadhna1931
An àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an Alba124,296
Ceudachd dhen àireamh-sluaigh2.6%

Eadar 1830 agus 1914 thàinig còrr is an treasamh de mhillean Èireannach a dh'Alba.

Càit an do sheatlaig iad?

  • Bha a' mhòr-chuid dhe na h-Èireannaich air taobh an iar Alba, gu h-àraidh ann an Glaschu.
  • Bha iad cuideachd ann am Pàislig, ann an Dùn Dèagh agus ann an Siorrachd Àir.
  • Bha àireamh na bu lugha ann an Dùn Èideann agus ann an Sruighlea.
  • Bha a' mhòr-chuid dhe na h-in-imrichean Èireannach nan in-imrichean eaconamach a bha a' lorg obair.