Adhbharan airson in-imrich
Bha iomadh adhbhar ann a thug air no a bhrosnaich daoine gu gluasad a dh'Alba an dèidh 1830.
Canar adhbharan putaidh ri adhbharan a thug air daoine an dùthaich fhèin fhàgail airson gluasad a dh'Alba.
Canar adhbharan tarraing ri adhbharan a bhrosnaich daoine gus gluasad, gu h-àraidh a dh'Alba.
Adhbharan putaidh
Duilgheadasan poilitigeach - Riaghladh cèin (Èireannaich)
San 19mh linn, bha Èirinn air a riaghladh le Breatainn, dùthaich Phròstanach.
Bha sgaradh ann an Èirinn a thaobh creideamh; Caitligeach aig deas agus Pròstanach aig tuath.
Bha mòran dhe na laghan a chuir Riaghaltas Bhreatainn an gnìomh an aghaidh Caitligeachd. Chan fhaodadh Caitligich:
- Fearann fhaotainn mar dhìleab bho Phròstanach.
- Airgead fhaotainn air iasad gus fearann a cheannach.
- Bhòtadh ann an taghaidhean.
Sealbh fearainn (Èireannaich)
B' e glè bheag de thuathanaich ann an Èirinn aig an robh sealbh air an fhearann a bha iad ag obrachadh. Bha aig tuathanaich ri màl a phàigheadh agus bha sin air a shuidheachadh leis an uachdaran.
Bha mòran dhe na h-uachdarain nach robh a' fuireach air an fhearann aca. Bha cuid a' fuireach ann an Sasainn agus ga chleachdadh gus teachd-a-steach fhaotainn.
Mura b' urrainn dha na tuathanaich sin am màl a phàigheadh, bha iad air am fuadach.
Cus dhaoine (Èireannaich)
Dhùblaich àireamh-sluaigh Èirinn eadar 1800 agus 1850. Ann an 1841 bha an àireamh-sluaigh air a dhol thar 8 millean.
Bha sin a' ciallachadh nach robh uiread de fhearann ri fhaotainn agus bha e doirbh do dh'Èirinn biadh gu leòr a dhèanamh dhan t-sluagh.