Sìmplich bloighean ailseabrach le bhith a' dubhadh às fhactaran cumanta air an àireamhaiche agus air an t-seòrsaiche. 'S urrainn dhuinn cuideachd na ceithir dòighean-obrach agus camagan a chleachdadh.
Nuair a bhios tu a' roinn bhloighean, cùm a' chiad bhloigh mar a tha e, atharraich an soidhne roinnidh gu soidhne iomadachaidh agus tionndaidh an dara bloigh bun-os-cionn.
Seo aon dòigh air a chuimhneachadh:
Cùm e, atharraich e, tionndaidh e (CAT)
Eisimpleir
Obraich a-mach \(\frac{3}{8} \div \frac{3}{4}\)
Freagairt
\(= \frac{3}{8} \times \frac{4}{3}\)
Cùm e, atharraich e, tionndaidh e:
\(= \frac{{3 \times 4}}{{8 \times 3}}\)
Cleachd a-nis an aon dòigh ri bhith ag iomadachadh bhloighean:
\(= \frac{{1 \times 1}}{{2 \times 1}}\)
Cùm sùil a-mach airson fhactaran cumanta a ghabhas dubhadh às – san eisimpleir seo roinn am bàrr agus am bonn le 3 agus cuideachd le 4.