Sìmplich bloighean ailseabrach le bhith a' dubhadh às fhactaran cumanta air an àireamhaiche agus air an t-seòrsaiche. 'S urrainn dhuinn cuideachd na ceithir dòighean-obrach agus camagan a chleachdadh.
Ann a bhith ag iomadachadh bhloighean, iomadaich na h-àireamhan air a' bhàrr (àireamhaichean) le chèile agus iomadaich na h-àireamhan air a' bhonn (seòrsaichean) le chèile agus sìmplich am freagairt mar a dh'fheumas tu.
Eisimpleir
Obraich a-mach \(\frac{4}{5} \times \frac{5}{6}\)
Dòigh 1
Iomadaich agus an uair sin dubh às:
\(= \frac{{4 \times 5}}{{5 \times 6}}\)
\(= \frac{{20}}{{30}}\)
\(= \frac{2}{3}\)
Dòigh 2
Dubh às an toiseach agus an uair sin iomadaich:
\(= \frac{{4 \times 5}}{{5 \times 6}}\)
A-nis roinn an dà 5 le factar cumanta 5 agus roinn 4 agus 6 le factar cumanta 2.