Notes for teachers on a Gaelic language geography resource about borders in Poland.
Tha an sgrùdadh seo a' rannsachadh nan diofar sheòrsachan chrìochan a tha anns an t-saoghal, bho chrìochan ionadail a tha a' sgaradh cheàrnaidhean gu crìochan nàiseanta a tha a' cur rìoghachdan air leth bho chèile. Tha an sgrùdadh a' rannsachadh mar a dh'fhaodadh crìochan a bhith a' cuideachadh ann a bhith a' tuigsinn barrachd mu chànan agus fèin-aithneachadh - na tha gar dèanamh eadar-dhealaichte bho chèile.
Tha an sgrùdadh stèidhichte anns a' Phòlainn, dùthaich a tha air ballrachd fhaighinn san Aonadh Eòrpach agus a dh'fheumas ath-mheasadh a dhèanamh air a crìochan fhèin.
Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid anns an sgrùdadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean san àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar chrìochan agus tha iad air an lìbhrigeadh le daoine òga às a' Phòlainn.
Tha cuspairean ris am bheilear a' coimhead anns na bhidiothan a tha seo a' gabhail a-steach:
Eisimpleir de bhaile air a sgaradh ann an dà leth le crìoch nàiseanta. Tha leth den bhaile sa Phòlainn agus an leth eile ann am Poblachd nan Seic.
Eisimpleirean de sheann chrìochan nàiseanta nach eilear a' cleachdadh airson dearbhadh gun urrainn do chrìochan a bhith ag atharrachadh rè ùine.
Eisimpleir de chrìoch ionadail a tha a' cur air leth dà choimhearsnachd a tha ri taobh a chèile ach a tha eadar-dhealaichte.
A' rannsachadh mar a tha crìochan a' cuideachadh ann a bhith a' sònrachadh cànan agus cultar.
Tha cruinneachadh eile ann de thrì bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean bho air feadh an t-saoghail de dhiofar sheòrsachan chrìochan. Tha iad air an dealbh gus beachd nas fharsaing a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.
| CUSPAIR | BHIDIOTHAN | COTHROMAN ÈUSTEACHD |
| Crìochan |
| Cluinn tuilleadh mun Phòlainn agus a crìochan bho Phòlainneach (airson EU) Cluinn tuilleadh mun Phòlainn (an aghaidh EU) Thig gu crìoch ann an Zabrze agus cluinn tuilleadh mu chrìochan coimhearsneachd Thig a Cieszyn agus cluinn beachd aon de mhuinntir an àite air crìochan Thig a Cieszyn agus cluinn beachdan eile bho mhuinntir an àite mu chrìochan |